GF213i04 AN SEANN DUINE AGUS AM PLÀSDAIR Beulaiche: Donnchadh Dhomhnuill Lachlainn Ghuaire | Duncan MacQuarrie Tar-sgrìobhadh: Oighrig NicFhraing | Effie Rankin [Duncan MacQuarrie]: ...bha mustard air a' bhroilleach aige. Bheil e 'g obair? [John Shaw]: Tha. [DM]: Bha [essay?] ghòrach agam ann a sheo mu dheidhinn seann bhodach a bha fuireach cross an léig bho Bhadaig. Bha e uamhasach tinn; chuir iad a dh'iarraidh an dotair. Thàinig an dotair cross air an deigh is fhuair e ann an…o, bha 'm bodach uamhasach tinn—pneumonia air. Agus cha robh medicine aige a bha—airson a thoir dha 's thuirt e ris a mhac no ris a mhic—bha dithis no triùir dhiubh ann—plàsdair de mhustard a chuir air a' bhroilleach aige. Uill, 's e a' Bheurla bha 'ad a' bruidhinn—'s e 'chest' a thuirt e. Bha seann drong anns an rùm 's nuair a thàinig an dotair anns a' mhadainn, bha 'm bodach marbh is am plàsdair bha air an dronga reòidhte cho cruaidh ri Sàtan! Translation: The Old Man and the Poultice [Duncan MacQuarrie]: …there was mustard on his chest. Is it working? [John Shaw]: Yes. [DM]: I had a daft story here about an old man who lived across the lake from Baddeck. He was very sick; they sent for the doctor. The doctor came over, across on the ice…he found…oh, the old man was extremely ill—he had pneumonia. And he had no medicine to give him and he said to his son or his sons—there were two or three of them—to put a mustard poultice on his chest. Well, they were speaking English—it was 'chest' that he said. There was an old trunk in the room and when the doctor came in the morning, the old man was dead and the poultice on the trunk was frozen as hard as the devil!