GF213i02 ÒRAN NA BAINNSEADH Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Bhàin | John Dan MacNeil Bàrd: Beileag Alasdair Iseabail | Isabel MacNeil [Séist]: Mo chridhe trom, 's duilich leam 'S tha Eòghann Ruairidh Sheumais A' falbh air treàn' a-màireach A' dol a dh'iarraidh ladies 'S a' fàgail deurach chàich ann O 's diombach mi do dh' Eòghann Donn A fhuair a' fonn gun phaidheadh Nach d' thug an té fo chumhnant A dhùbladh an càirdeas 'S tha mis' is Annie tùrsach 'S sinn fhìn an cùil an-dràsta Gun d' rinn sinn curraicean ùra Agus dùil againn ri Rawleigh 'S bha Aonghnas Nìll gu h-uasal 'S e 'cumail suas a chàirdeas Gun fhios nach biodh 'nic Ruairidh ann Bha suaineach air bha gàbhaidh 'S ged fhuair thu a Raghnall Bhatherson Le fàinneachan 's le cnotaichean A, a Dhia, Dhia! Tha mi…