GF212i13 MO SHEANAIR - MAIGHSTIR DANNSA ÁS ALBA Beulaiche: Iseabail ni'n Alasdair Eòghainn | Isabelle MacIsaac [Isabelle MacIsaac]: ... mac Aonghais 'ic Eóghainn. Scotland. Mórar. [John Shaw]: Mórar. [IM]: O, bha e 'teagasg dannsa. Bha, bha. [JS]: Bha. [tape cut] [IM]: —an t-uamhas do fheadhainn. Feadhainn am meudach 'dol dha 'n sgoil-dannsa aige. [JS]: Bha. [tape cut] [IM]: Bha. Bha suid mun do rugadh sinn. Có thàinig? O, o, o, [iadharcan adharcan?]. Thàinig an fheadhainn—dannsairean eagalach a bh' annta. Bha an athair 'na mhaighstir-dannsa. Agus, thàinig 'ad 's, dh'fhaighneachd 'ad dhe 'm sheanair an dannsadh e 'Briogais Dhubh' 's thuirt e gun dannsadh. "Chan eil fìdheall againn a' seo idir," thuirt e, "tha an duine, an té bheag seo 'gabhail puirt. Agus, tha mi 'creidsinn nach b' urrainn daibh dannsa le puirt co dhiubh." "O," ars' ise, "tha i ceart a cho math ri fìdheall." I had to go then, and I had to sing for them. [JS]: [tape cut]—àm ud? [IM]: Bha esan. [JS]: Sheadh. [IM]: Mo sheanair. [JS]: Sheadh. [IM]: O, 85. Bha e aig na dannsaichean uil' gu léir. [JS]: Bha. [IM]: Bha e 'startadh air steps 's bha e 'deanadh na steps uile gu léir. [JS]: Bha. [tape cuts] [IM]: Thòisich e an dà sgoil-danns 's bha e fhéin a' cumail sgoil-danns a' seo. Bha e 'ga chumail am Màbu 's air Margaree, a' siod 's a' seo. [JS]: Seadh.—[ceann dùthaich/seann dùthaich?] [IM]: Thog e, bha e aig' air ionnsachadh. Bha e aige 'na chlaigeann. [JS]: Bha, bha.