GF212i08 RANN AIR AN STUTH LÀIDIR Beulaiche: Seumas mac Aonghais 'ic Iain 'ic Uilleim 'ic Mhurchaidh | Jimmy MacKay Bàrd: Ailean an Ridge , Ailean 'ic Alasdair 'ic Aonghais 'ic Alasdair Bhàin | Allan MacDonald Bha Ailean a' Rids a' tadhail air, aig àit’ Iain 'ic Phàdruig, ann am Bràigh na h-Aibhneadh. Chuir iad gille a shireadh botul do stuth làidir a dh'àite Phàdruig Mhóir. Bha Pàdruig car màirnealach mu thoirt seachad. Agus b'fheudar dha dol 'ga shireadh trì tursan. Nuair a chaidh am botal a thoirt gu Ailean, labhair e mar a leanas: M' eudail do dhath, Is m' eudail do bhlas, 'S toigh leam thu, Agus an diabhal mura toigh leam duine eile 'san toigh thu.