GF212i06 EADAR-THEANGACHADH Beulaiche: Seumas mac Aonghais 'ic Iain 'ic Uilleim 'ic Mhurchaidh | Jimmy MacKay Bha fear ann a bhitheadh a' cur Beurla air faclan Gàidhlig, agus Gàidhlig air faclan Beurla. 'S e a' Ghàidhlig a chuireadh e air 'confederation', 'coin an caoraich Sheumais'. A' Ghàidhlig a chuireadh e air 'Antigonish', 's e 'àite gun mheas'. Agus a' Bheurla a chuireadh e air 'sùil-chruthaich', 's e 'eye of creation'.