GF211i05_212i01 FACAL DHÉ AGUS AN T-UISGE GLAN Beulaiche: Eòs Labhrainn mac Iain J. 'ic Iain 'ic Lachlainn a' Bhuachaille | Joe Lawrence MacDonald Tar-sgrìobhadh: An t-Oll. Iain Seathach | Dr. John Shaw Nuair a thànaig na sagairt a Cheap Breatunn an toiseach bha cuid dhiubh coibhneil, math agus bha cuid eile dhiubh borb, crosda; agus dheanadh iad searmon uamhasach fada agus chuireadh an searmon an t-eagal air an dearg-mhèirleach. Ach bha aon duine as a' pharraiste agus thànaig Dòmhnach agus bha i 'sileadh is ceò ann. Thuirt e nach robh e dol a dh'éisteachd ris an t-sagart an diugh idir: gu robh e dol amach dha'n choillidh - bha ceud acaire fearainn aige - agus gu robh e dol a chuartachadh an àite. Ach co-dhiubh chaidh e a-mach agus chaidh e air chall. Bha e siubhal 's a' siubhal 's mu dheireadh bhuail pathadh uamhasach e, agus thachair duine ris, agus ghearain e ris an duine am pathadh a bh'air. Uill, thuirt an duine ris nach bu chòir pathadh a bhith air agus allt beag gun bhith fad air falbh, agus thuirt an duine nach robh fios aige gu robh allt air an àit' aigesan idir. 'Tha,' ors' an duine, 'agus lean thusa mise agus gheibh mi deoch dhut.' Cha deach iad glé fhada nuair a bha sruthan ann a' sin. Agus chaidh an duine air a dhà ghlùin agus thug e deoch mhór às an t-sruthan agus bha e cantail ris an duine, 'Ach cho milis 's a tha 'n t-uisge a tha seo!' 'Tha.' Agus ors' an duine, 'chòrdadh e rium fios a bhith agam c'àite bheil 'n t-uisge seo—có às a tha e a'tighinn.' 'Uill, feuchaidh mise sin dhut,' ors' an duine. Lean iad an t-uisge agus thànaig iad gu àite; bha cù marbh agus bha 'n t-uisge a' tighinn amach à taobh a'choin. Agus ghabh an duine uamhas agus thuirt e nach robh siod ceart idir. 'Uill,' thuirt an duine ris, 'dh'fhuirich thus' às an aifhrinn an diugh: cha deachaidh tu dha'n eaglais idir. Agus ged a bhiodh an sagart cho grod ri colainn a' choin a th' ann a' siod tha facal D[h]é cho milis ris an uisge a dh'òl thu.