Back to recordings

Creag nam Bròg

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF211i04 CREAG NAM BRÒG


Beulaiche: Eòs Labhrainn mac Iain J. 'ic Iain 'ic Lachlainn a' Bhuachaille | Joe Lawrence MacDonald
Tar-Sgrìobhadh: Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum)
Na daoine a bha fuireach anns a' Bharachois agus ann am Baghasdail an toiseach an t-saoghail, cha robh ach aon stòr air a' Bhàr - 's e sin Sudni a' Tuath - àite Gheamail. Agus bhiodh iad a' coiseachd dh' ionnsaigh a' Bhàr a cheannach ghnothaichean a bhiodh a dhìth orra mun taigh – tì 's siùcar 's gnothaichean mar sin.


Agus, bha aon chreag mhór ann agus an t-ainm a bh'aca air a' chreag a bha sin, 's e 'Creag nam Bròg.' Choisicheadh iad air an casa'-rùisgte dh'ionnsaigh na creigeadh agus chuireadh iad na brògan orra agus choisicheadh iad dha 'n bhaile. Agus, nuair a bhiodh 'ad a' tighinn dhachaigh, stadadh iad aig Creag nam Bròg agus bheireadh iad na brògan dhiubh. Agus choisicheadh iad air an casa'-rùisgte dhachaigh.


Ach Lucy Heag, mo mhuime, bha i bochd a's an t-saoghal, agus bhiodh i toirt leatha a mart a dh'ionnsaigh Beinn Phòil ann am Barachois. Agus bhiodh i 'ceangal na mart an àite a gheobhadh i biadh gu leòr agus thogadh i suibheagan air aon latha, 's an ath latha, dh'fhalbhadh i leis a' mhart agus bheireadh i na suibheagan astaigh gu àite Gheamail.
Ach turais dha na turais, dh'fhàs na brògan cho dona 's nach, gu feumadh i paidhir bhrògan fhaighinn. Chaidh i 'staigh gu àite Gheamail is fhuair i paidhir bhrògan. Agus, nuair a thàinig i gu Creag nam Bròg, thug i dhi na brògan. Agus, co-dhiubh, cha deach i fad' air a' rathad nuair a bhuail an òrdag mhór ann an clach. Agus, bhrist i an òrdag mhór 'na leth.


Agus, thuirt Lucy Heag, "Taing do Dhia nach robh na brògan orm!"


Reference sources:
North Sydney, Nova Scotia: Windows on the Past, Elva E. Jackson (1982), p.35

Joe Lawrence MacDonald
Baile Iarainn | Ironville 16 recordings Faic pròifil | view profile