GF211i03 DÒMHNALL GORM Beulaiche: Eòs Labhrainn mac Iain J. 'ic Iain 'ic Lachlainn a' Bhuachaille | Joe Lawrence MacDonald Nuair a thàinig na Frangaich a Cheap Breatainn an toiseach, thog 'ad baile mòr ann an Louisbourg, agus thog 'ad daingneach mun chuairt air. Agus bha baile Shasannach aca ann an Halifax, agus bha, bha farmad aca ris na Frangaich ann an Louisbourg. Agus ann a' bhliadhna 1758 chuir 'ad a-mach gun tigeadh Sasanaich a-nall agus gun glacadh 'ad baile Louisbourg. Sin mar a thachair, agus fhuair 'ad am baile. Agus dh'fhàg 'ad caiftean na h-airm as an déidh airson a h-uile Frangach a bh' ann an Ceap Breatainn a mharbhadh is a chuir ás. Ach co-dhiù, 's e an caiftean a bha sin Dòmhnall Gorm Dòmhnallach. Agus thòisich esan ri dol mun chuairt Cheap Breatainn agus thàinig e gu taigh banntrach, bana-Ghàidheal a bh' innte agus bha triùir mhac aice. Thug e leis a' dhà dha na gillean an toiseach, agus dh'fhàg e aon chripleach aice. Agus chaidh an dà ghille mharbhadh anns a' chogadh. Agus thàinig e air n-ais a dh' iarraidh a' chripleach, agus thuirt a' bhanntrach ris nach robh cus feum ann an cripleach ann am batal. Ach thuirt esan rithe, gun dubhadh e am blàr agus gum bàthadh e luaidhe. Agus thug e leis a' chripleach. Agus thuirt a' bhanntrach ris, "Thig a' chripleach air n-ais, ach cha tig thusa gu bràch." An uair sin bha 'ad a' falbh air a' rathad gu St. Peters, agus thadhail 'ad aig taigh agus chuir e saighdear a-staigh agus dh'iarr e air an t-saighdear, duine sam bith a bha a-staigh an siud, cuir ás dha. Nuair a chaidh e a-staigh bha gille beag aig ceann a' bhùird agus e a' criomadh cnàmh feòil. Agus thuirt an saighdear ris, "Tha mi dol ga mharbhadh, gad mharbhadh." "Uill fuirich," ars an gille beag, "gus an dean mi ullamh a' criomadh a' chnàmh." Ghabh a' saighdear truas ris agus chaidh e a-mach agus dh'fhaighneachd Dòmhnall Gorm dha, "A bheil duine a-staigh an siud?" "Chan eil," ars a' saighdear. Ach thuig Dòmhnall Gorm mar a fhreagair a' saighdear e gun robh cuideigin ann. Agus chaidh e a-staigh. Agus thàinig e a-mach 's bha an gille beag a' breabadaich air ceann na béighneid a bh' aige. 'N uair sin chùm e roimhe agus nuair a ràinig 'ad Arichat, air DiDòmhnaich, bha sluagh a's an eaglais, agus bha sagairt a' deanamh na h-aifhrinn. Agus dh'iarr e air na saighdearan na dorsan a dhùnadh agus duine sam bith a dh'fheuchainn ri tighinn a-mach air na h-uinneagan, an ceann a chuir dhiubh. Agus nuair sin chuir 'ad teine ris an eaglais. Agus mar a bha na daoine 'feuchainn ri faighinn a-mach air na h-uinneagan, bha an ceann a' tuiteam air an taobh a-muigh dha 'n eaglais, agus an corp a' tuiteam air an taobh a-staigh dha 'n eaglais. Ach co-dhiù nuair a loisg an eaglais bha cnàmhan an t-sagairt aig an altar mar a bha e a' seinn na h-aifhrinn. Chum e sin air n-aghaidh, agus rinn 'ad campa goirid dha 'n chladach. Agus bha banca mór, cas ann agus 's e clach a' bh' ann air fad agus bha e uamhasach cas, cha b' urrainn duine sam bith coiseachd an aghaidh a' bhanca bha sin. Ach aon fheasgar a bh' ann, chunnaic 'ad duine a' tighinn a-nuas air na creagan, agus bha e 'g iarraidh, bha e 'faighneachd càit' a' robh Dòmhnall Gorm, gu robh toil aige fhaicinn. Agus leis cho cas 's a bha am banca le clachan 's le creagan, thuirt na saighdearan ri Dòmhnall Gorm gun falbh còmhla ris an duine idir. Ach thuirt Dòmhnall Gorm nach robh eagal aige roimh Dhia no roimh duine no roimh an deamhan. Agus dh'fhalbh e còmh' ris. Agus chan fhaca 'ad sgeul air. Ach as deaghaidh sin, bha caiftean eile ghabh—as deaghaidh—coimhead as deaghaidh a chuid eile dhe 'n réiseamaid, agus rinn 'ad campa. Agus a h-uile h-oidhche, bha fear dha na saighdearan air gheàrd. Agus nuair a dh'éireadh 'ad 's a' mhadainn, bha 'ad a' faighinn gach saighdear marbh. Ach thuit a' chrois air aon fhear, agus chaidh e a-mach, agus rinn e comharra na croiseadh mun cuairt air fhéin. Ach co-dhiù, mu mheadhan oidhche chual' e fuaim uabhasach. Agus chunnaic e muc, agus [chainichean?] oirre. Agus thàinig i mun chuairt, agus ghabh an saighdear eagal uabhasach. Agus bha e 'gabhail ùrnaigh is 'ga bheannachdadh fhéin, agus mu dheireadh thuirt a' mhuc ris, "'S mise Dòmhnall Gorm. Agus chuir am beannachadh riut glé mhath riamh, ach chuir e gu h-àraid riut a-nochd, bha mise 'dol gad mharbhadh. Agus 's e a' bhanntrach a thug mise a chripleach bhuaithe a dh'fhàg mise anns a' riochd a tha mi ann a-nochd."