GF208i07 A' FEAR A THEICH LE BROGAN AN INNSINNICH Beulaiche: Eachann mac Eachainn Ghilleasbaig | Eachann Mór | Hector Carmichael Tar-Sgrìobhadh: Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum) [Hector Carmichael:] Seo stòiridh mu dheidhinn fear a theich le brògan an Innseannaich. O chionn fad' an tìde bha 'ad ag obair air a' railroad a-nuas tro Orangedale 's Iona ann a' shin. Bha daoine bho 'bhos an taobh siod a' dol suas a dh' obair air a railroad ann a' shiod. Uill, bha aon duine àraid, Eachann Mac'Illeain 's bha e 'na skater uamhasach math, skater a b' fheàrr a bha riamh à St. Anns. Agus bha e tighinn a-nuas dh' a chois co-dhiùbh. Agus, air ràinig e anuas aig Nyanza ann a' shiod, bha 'n deigh sleamhainn 's bha crowd a' skateadh—na h-Innseannaich a-muigh a' skate air an deigh. Uill, smaoinich e gu dheigheadh e mach a bhruidhinn riutha. Chaidh e mach a bhruidhinn riutha 's—uill, leig e orra [air] nach fhac' e, nach fhac' e skater riamh ron a' sin. Agus, o, bha e coimhead air na skates. Bha e 'g iarraidh orr' a bhith skateadh. 'S o uill, smaoinich 'ad gum biodh fun gu leòr aca 's 's ann thòisich 'ad ag iarraidh air na skates a chur air. O, thuirt e nach d'rinn esan skateadh riamh. O uill, bha fun—poidhle fun gu bhith aca, is dibheirsean, 's 's ann a thug iad a-mach, chuireadh iad na skates air. Uill, an turas—a' chiad, nuair a dh' èirich Eachann 'na sheasamh air na skates, uill a' chiad turas a dh'fhalbh e, leig e e-fhéin 'na shineadh 's bha 'adsan an dùil gun do thuit e, is thòisich 'ad—bha 'ad—o, bha fun mór aca air. Bha 'ad an dùil gu robh poidhle fun gu bhith aca. Ach dh' èirich Eachann mu dheireadh 's bh' e alright an uair sin 's gheàrr e aisd' air na skates. Thug na h-Innseannaich air a dheaghaidh. Ach cha tigeadh iad faisg air idir, idir, idir. 'S mu dheireadh, chaidh Eachann às sealladh air—às sealleadh timichioll am point, 's chan fhac' iad Eachann tuilleadh. Thàinig Eachann dhachaigh air na skates a Chobh Anndra.