GF208i05 AM BOIREANNACH ÒG Beulaiche: Eachann mac Eachainn Ghilleasbaig | Eachann Mór | Hector Carmichael Tar-Sgrìobhadh: Bun is Barr, Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum) Mu dheidhinn boireannach, bha i 'fuireach—'s e banntrach a bh' innte. Bha i 'fuireach air an Abhainn a Tuath. Agus, bha—bha boyfriends aice. Bhiodh 'ad—bha dithis àraid, bhiodh 'ad a' dol ann, 's a chuimhead oirre tric, you know. Ach, an t-oidhch' a bha seo co-dhiubh, thachair gun dàinig an dithis aca an aon t-oidhche' ann. Agus, bha MacAoidh, fear dhiubh MacAoidh, agus a' fear eile, 's e Ruairidh Mac'lleathain, Ruairidh Iain Òig a chanadh 'ad ris. Uill, an t-oidhche àraid a bha seo, thàna—thachair gun dàinig an dithis ac' ann. Agus, o, tha—start stoirm mhór shneachd—géile. Agus, o, rinn iad deiseil airson a dhol dhachaigh. Bha i—stoirm cho dona 's gun dug 'ad orra fuireach. Uill, bha MacAoidh, bhiodh—bu thoigh leis faighinn a-mach dé bha Ruairidh a' deanamh ann. Agus, co-dhiubh, chaidh an dithis aca ann an aon leabaidh a chadal. Chuir 'ad a chadal 'ad a's an aon leabaidh. 'S, o, bha MacAoidh sin ['son] faighinn amach 's dh' fhaighnich e dhe Ruairidh, "Bheil sibh-se càirdeach dha na daoine a's an taigh tha seo?" "Chan eil," arsa Ruairidh, "ach air m' anam fhìn, chan eil fada gus am bi!"