GF207i06 TINNEAS AN RÌGH Beulaiche: Seònag Mairead ni'n Dòmhnaill 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Jessie Mary MacLeod [Bha] tinneas ann uaireigin ris an canadh 'ad 'Tinneas a' Rìgh'. Agus bha an seachdamh nighean no seachdamh gille, chuireadh—shlànaicheadh 'ad e. Agus dh'fheumadh an duine a' dhol [?] an duin' sin, 's chuireadh 'ad bonn-airgead ann an uisge 's ghlanadh 'ad an lot leis a' sin. Agus dh'fheumadh 'ad sin a dhèanamh seachd madainnean ás-deòidh a' chéile. 'S an uairsin dh'fheumadh 'ad am bonn-airead, dh'fheumadh 'ad a gléidheadh ann an àite nach fhaiceadh duine e fhad 's a bhiodh 'ad beò.