GF206i02_207i01N IAIN ÒG MAC RÌGH NA FRAINGEADH Beulaiche: Eòs mac Iain ghobha 'ic Iain 'ic Lachlainn | Joe Lawrence MacDonald 'S e sgeulachd tha seo, bha mi 'cluinntinn daonnan o Sheonaidh Dhòmhnaill Iain Mhóir. Agus bha e mu dheidhinn Rìgh na Fraingeadh. Bha aon mhac aige, Iain Òg. Agus bha Rìgh na Spàinneadh air an taobh eile. Bha e na dheagh choimhearsnachd do Rìgh na Fraingeadh. Agus bha aon nighean aige. Ach Rìgh na Fraingeadh, thug e ionnsachadh mór do dh' Iain Òg, agus turas dhe na turais thàinig triùir mharcraichean a-staigh dha 'n bhaile agus chaidh murt a dheanamh an oidhche an déidh dhaibh tighinn. Agus chaidh na maoir ás an deaghaidh agus chuir 'ad na triùir dhaoine dha 'n phrìosan. Agus bha fios aig Iain Òg glé mhath nach do rinn 'adsan am murt idir,gur e cuideigin eile a bh' ann. Agus 'se rinn e, bha 'ad a' dol 'gan crochadh. Agus an oidhche mu robh 'ad a' dol a bhith air an crochadh, dh'fhalbh Iain Òg agus leig e ás a' phrìosan 'ad. Agus fhuair e na h-eich dhaibh agus dh'fhalbh 'ad. Ach co-dhiù, chaidh na maoir mun chuairt agus mu dheireadh thall dh'aithnich 'ad gur e Iain Òg a leig ás a' phrìosan 'ad agus bha 'ad dol ga chuir dha 'n phrìosan. Agus bha sin gu math goirt dha 'n Rìgh na Fraingeadh. Agus chuir e brath gu Rìgh na Spàinneadh gun cuireadh e Iain Òg 'uige fad cunntais mhìosan airson tuilleadh ionnsachadh fhaighinn. Ach a là bha seo, dh'fhalbh Iain Òg agus bha sgalag aige, agus dh'fhalbh a' sgalag còmhla ris. Agus air a' rathad, thàinig am pathadh air Iain Òg, agus thàinig 'ad gu sruthan. Agus thàinig e far an eich agus nuair a bha e na shìneadh ag òl deoch, rug a' sgalag air a' chlaidheamh a bh' aig Iain Òg. Agus nuair a dh'éirich Iain Òg, bha an claidheamh ri sgòrnan. Agus thuirt a' sgalag ris aodach a thoirt dheth agus mionnachadh gur e esan a' sgalag, agus gur e 'sgalag Iain Òg. Ach co-dhiù, 's e sin mar a bha e. Agus nuair a ràinig 'ad an Spàinn, chaidh Iain Òg do thaigh cìobaire aig an robh grunn do theaglaich. Agus bha 'ad gu math bochd 'san t-saoghal. Agus chùm a' sgalag air n-aghaidh gu caisteal Rìgh na Spàinneadh. Ach nuair a chaidh a' sgalag dha 'n sgoil, bha Rìgh na Spàinneadh, bha e a' smaointinn air cho truagh 's cho bochd 's a bha an t-ionnsachadh a bh' aige. Agus bha e a' smaointinn gun robh rudeigin ceàrr air Rìgh na Fraingeadh nuair a bhiodh e cho mì-fhortanach 's nach toireadh e ionnsachadh do 'n aona mhac a bh' aige. Ach co-dhiù, sin mar a thachair. Ach bha Iain Òg ann an taigh a' chìobaire, agus bha a' chlann a' dol dha 'n sgoil. Agus thòisich e ri ionnsachadh na cloinneadh agus bha e 'gan cumail glan 's a'cur deagh aodach orra. Agus am maighstir sgoil a bh' ann, bha e 'toirt fo near mar a bha clann a' chìobaire faighinn air n-aghaidh. Agus nuair dh'fhaighneachd e do fhear dha na gillean a bh' ann, ciamar a bha àsan a' faighinn air n-aghaidh cho math. Agus dh'inns a' fear sin dha gun robh duine aig an taigh a bha 'gan ionnsachadh, agus gu' robh e glé mhath dhaibh. Agus a' lagh a bha 'sa rìoghachd aig an àm sin, bha leabhraichean aca 's duine sam bith a b' ionnsaichte, 's e a bha faighinn an obair airson teagaisg sgoil. Agus thàinig am maighstir sgoil a choimhead air Iain Òg. Agus bha leabhraichean aige 's bha e 'feuchainn na leabhraichean do dh'Iain Òg agus thuirt Iain Òg ris gun deachaidh esan thron h-uile gin aca sin. "Uill," ars am maighstir sgoil, "chan eil obair agam-sa tuilleadh. Feumaidh tusa tighinn dha 'n sgoil agus faodaidh mise bhith falbh. Thusa an duine as ionnsaichte tha 'sa rioghachd as aithne dhomhs'." Agus thug Iain Òg mionnan dha nach deanadh e 'n còrr teagaisg dha 'n chloinn, agus gum faodadh am maighstir sgoil an obair a bh' aig' a chumail. Ach co-dhiù. Nist, théid sinn agus bheir sinn treis a' coimhead air ciamar a tha a' sgalag a' faighinn air n-aghaidh 'sa Spàinn. Bha e a' faighinn air n-aghaidh meadhanach math, agus bha Rìgh na Spàinneadh a' toirt ionnsachadh mór dha. Ach mu dheireadh thall, dh'aontaich e gun robh e a' dol a phòsadh nighean a' Rìgh. Ach bha nighean a' Rìgh coma dheth. Ach co-dhiù, bha Rìgh na Spàinneadh agus Rìgh na Fraingeadh, bha dùil aca gum biodh an dà rioghachd ri chéile aig aon àm. Agus an oidhche bha seo, rinn 'ad a-mach gum biodh banais mhór aca agus gun robh a' bhanais dol a bhith anns a' chaisteal. Ach co-dhiù mun d' thug nighean a' Rìgh cead dha 'n sgalag gum pòsadh i e, thuirt i gum b'e a roghainn an duine bha shìos ann an taigh a' chìobaire, seach a sgalag. Ach mun d' thàinig oidhche na bainnseadh thàinig duine far an robh Iain òg, agus thuirt e ris, "Nist, tha banais mhór a' dol a bhith as a' rioghachd, agus tha mise 'cantail riut a dhol a dh'ionnsaigh a' chaisteil, agus canaidh tu ris a' Rìgh, nuair a tha bainnsean a ' dol air n-aghaidh, gum biodh e coltach gu leòr gum faigheadh coigreach seòmbar anns a' chaisteal, agus fuireach ann airson a bhith aig a' bhanais. Agus théid thusa ann," ars a' fear eile, "agus gheibh thu seòmbar. Agus oidhche na bainnseadh, cluinnidh tu fìdeag. Agus a' chiad fhìdeag a chluinneas tu, fosglaidh tu an dorast. An dàrna fìdeag a chluinneas tu, thig a-mach dha 'n t-seòmbar. Agus an treas fìdeag a chluinneas tu, thigeadh tu agus fosladh tu an dorast, agus thig thu 'mach far a bheil a' sluagh." Agus thuirt Iain Òg gun deanadh e sin. Agus oidhche na bainnseadh, nuair a bha -- mun d' thàinig am pears' eaglais airson am pòsadh, nuair a bha e dìreach deiseil airson am pòsadh, thàinig triùir marcraichean ás an t-sluagh a bha ann, agus dh'éibh fear dhiubh "Thig a-mach a' seo, Iain Òg Mac Rìgh na Fraingeadh, chan ann am measg choirichean is chlobhsaichean bu chòir dhut a bhith. Ach nad shuidhe ann an cathar do dh'òr, ag òl do chuid fìon ás cupa do dhaoimean." Nuair a chual' a' sgalag seo, thàinig e a-mach, agus ma thàinig esan a-mach, leum na h-eich suas, agus cha mhòr nach stamp 'ad gu bàs e. Agus 'nuair sin, thuirt fear dhe na marcraichean, dh'innis e mar a thachair, agus dh'innis e do Rìgh na Spàinneadh nach e Iain Òg Mac Rìgh na Fraingeadh a bha siud ach a sgalag. Ach gur e Iain Òg Mac Rìgh na Fraingeadh a bha 'tighinn 'mach an-dràst, agus dh'éibh e air a-rithist, "Thig a-mach a' seo, Iain Òg Mac Rìgh na Fraingeadh, chan ann am measg choirichean is chlobhsaichean bu chòir dhut a bhith. Ach nad shuidhe ann an cathar do dh'òr, ag òl do chuid fìon ás do chupanan daoimean." Thàinig Iain Òg a-mach, agus bha bhanais air a cuir an dàrna taobh. Agus dh'innis fear dhe na macraichean an oidhche thug Iain Òg, dh'fhosgail e am prìosan dhaibh, agus chaidh 'ad air na h-eich, agus nuair a bha 'ad 'dol seachad air léig a bh' ann, na loch, ghabh fear dha na h-eich an t-eagal, agus 'mach air a' loch a chaidh e, agus chaidh an dà each eile ás a dheaghaidh. Agus chaidh 'ad a-mach air a' loch agus chaidh am bàthadh. Agus thuirt 'ad gun d'fhuair 'adsan cothrom air tighinn air n-ais agus ceartas a dheanamh ri Iain Òg Mac Rìgh na Fraingeadh. Agus phòs e fhéin agus nighean na Spàinneadh. Agus cho fad 's a tha fios agamsa, tha cuid dha 'n t-sliochd aige beò fhathast air feadh an t-saoghail, nam biodh fhios agadsa càit am faigheadh tu 'ad.