GF204i02 CUIR A-NALL AM BOTUL DUBH Beulaiche: Eòs mac Iain ghobha 'ic Iain 'ic Lachlainn | Joe Lawrence MacDonald Bàrd: Iain Dhòmhnaill Aonghuis | John MacNeil [Séist]: Cuir a-nall am botul dubh 'S gun òl sinn e gu cuireadach O, cuir a-nall am botul dubh 'S gun òl sinn 'ur deagh shlàinte 'S cuir a-nall dhuinn air a' bhòrd e Tha deagh bhotul do Mhac an Tòisich 'S ged a bhiodh i cho dubh ri ròcais Gum bi an t-òran làmh ris 'S tha e na stuth tha éibhinn 'S cianail fear a thug spéis ann 'S ged is beairteach Rìgh na h-Éirinn Gheibheadh e air cosg e