Sgeulachd Bodach nan Caorach
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF197i02-GF198i01N SGEULACHD BODACH NAN CAORACH
Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
[Joe Allan MacLean]: A' start mi a-nis?
[John Shaw]: Seadh, startaidh.
[JAML]: Bha siud ann roimhinn, leth sheann duine agus 's e obair a bh' aige nuair a bha e òg, 's e a bhith a' togail chaorach is uain ann an ceàrn air choireigin thall dha 'n Ghàidhealtachd. Agus chùm e suas am business a bh' ann an sin riamh agus cha robh duine a' fuireach còmhla ris ach e fhéin. Agus far na robh an taigh aige, bha loch bheag air chùil an taighe shìos do dh'uiste. Agus bha leac do chloich a-mach bho 'n dorast agus nuair a bhiodh e 'leigeil anail, shuidheadh e aig an dorast agus bhiodh na casan air muin na leac a bh' ann a' seo.
Ach là dha na làithichean co-dhiù bha e a' gearain gun robh e car sgìth, agus chunnaic e duine mór a' tighinn, agus ghabh e car do dh'eagal roimhe leis a' mheud a bh' ann. Agus dà cheann air agus an dà cheann a' falbh às an aon' n amhaich .
All right, enough co-dhiù, cha d' thuirt e guth ach thàinig an duine mòr far an robh Bodach nan Caorach agus bhruidhinn e ris, 's bhruidhinn am bodach ris.
"Na gabh," ars esan, an duine mór, "na gabh eagal romham-sa ged a tha mi 'coimhead cho doirbh seo."
"O," ars esan, am Bodach nan Caorach, "cha ghabh mi sin," os esan. "Chan fhaca mi riamh thu is tha fhios a'm nach do rinn mi sgàth ceàrr ort."
"Cha do rinn," os esan. "Ach," os esan, "'s e fuamhaire a bheir 'ad rium-s'," ars esan. "Agus," ars e, "tha mi a' fuireach ann a'—'sa bheinn a-muigh ann a' seo. Chladhaich mi fhín agus fear eile seòrsa àite fo 'n talamh, agus tha sinn a' fuireach ann a' sin. 'S e uamha a bheir 'ad ris an taigh againn. Agus," ars' esan, "chuala mi gu bheil thu a' creic chaorach ann an seo," ars esan, "agus smaointich mi gun tiginn a-staigh a-màireach," ars esan. "Chan eil sgàth agam a bhruicheas mi air mo dhinnear," ars esan. "Agus nam biodh aona chaora agam, dhèanadh i aon dinnear dhomh."
Agus "Glé mhath," ars e.
Agus "Nam biodh aona chaora agam astaigh, dhèanadh i mo dhinnear dhomh".
"O uill," os esan, Bodach nan Caorach, "Theirig fhéin a null mullach na parcaidh, agus tog leat a' chaora as docha leat fhéin, is bheir a-nall ann a' seo i."
Dh'fhalbh a' fuamhaire a-null dha 'n phairce agus thàinig e agus caor' aige air a mhuin is cheangail e ris an fheansa i. Dh'fhaighnich e dha 'n Bhodach nan Caorach, "Dé," ars esan, "a tha thu ag iarraidh air a' chaoraidh tha sin?"
"O," os esan, "bheir mi dhut i air prìs reusanta." Chan eil fhios agamsa dé charge e ach phàigh a' fuamhaire dha a' chaora.
Ach thug iad sùil co-dhiù is chunnaic iad ceathrar do dhaoine mòra làidir a' tighinn, le coltas orra bhith gu math làidir a' tighinn. Agus bha feadh—dhà dhiubh na b' fhaide air deireadh na bha a dhà eile, agus thàinig 'ad a-nall agus bhruidhinn fear aca ris a' bhodach. "Tha thu 'creic chaorach a-seo."
"Tha," os esan, am Bodach, "agus uain."
"Uill," os esan, "tha dà chaor' a dhìth oirnn an-diugh," ors esan. "Ach chan eil mi 'dol a thoirt dhut seant pàighidh air a son."
"Uill," ors esan, Bodach nan Caorach, "chan e creic tha sin, ach goid."
"Uill," ors esan, "a bheil thu ag ràdhtinn gur e goid—nach robh mise dol 'ga goid—"
"Gu dé rud eile tha thu 'dol [gnothachadh?] ris mura pàigh thu iad?"
Thòisich e—fear a bha 'bruidhinn ris a' Bhodach nan caorach—thoisich e 's rug e air bhroilleach air.
"Bheir mise ort," ors esan, "nach can thu a leithid siud gu bràch tuilleadh riumsa."
Chòisich a' fuamhaire a nall 's rug e air fear anns gach làimh agus sgailc e ris a' chloich a bha a-mach o'n dorast an dithist aca. Is chaith e 'mach dha 'n loch a bha air chùl an taigh ud.
"Ionnsaichidh siud 'ad," os esan. Ach theich na dhà eile le 'm beatha.
Ach co-dhiù, bha sin alright. "Tha mi a' deanamh a-mach," ars esan, am fuamhaire, ris a' Bhodach, "nach eil e sàbhailte dhut a bhith 'fuireach seo leat fhéin. Tha 'ad dìreach, tha iad air startadh," ars esan, "na droch dhaoine tha siud. Ach a-màireach," ars esan, "theirig a-mach air chéilidh gu uamha a th' againn," ars esan. "Nì sinn spell bhruidhinn," ars esan "co-dhiù."
Làrna-mhàireach, chaidh Bodach nan Caorach a-mach gu [far a' robh?] na fuamhairean a' fuireach a's a' bheinn. Agus ghabh na fuamhairean math ris a' Bhodach co-dhiù agus chùm 'ad an oidhche sin e.
Air là na earar an sin, bha am bodach—thuirt e riutha gu feumadh e dhol a choimhead air an taigh, ars esan, "Ma dh'fhaoidte," ars esan "nach eil gnòthaichean a' falbh dòigheil agus feumaidh mi dhol a choimhead air na caoraich."
"Uill," os esan, fear dha na fuamhairean, "chan eil thu falbh leat fhéin, gun mise dhol a-staigh còmhla riut."
Start 'ad a-staigh co-dhiù agus nuair a thàinig 'ad ann, mu choinneamh an taighe, chunnaich 'ad gu robh dorast an taighe aig a' bhodach fosgailte. "Ah ha," os esan, am fuamhaire, "tha rudeigin ceàrr a' seo."
Ràinig 'ad agus cha robh—bha an dorast fosgailt' ach cha robh sgath a-staigh nach robh air a chuir á bhrìd a chéile, air feadh an taighe. Agus shuidh e fhéin agus a' fuamhaire is bha 'ad a' bruidhinn agus thug 'ad sùil agus chunnaic 'ad ceathar eile do bhoireannaich a' tighinn, is 'ad uamhasach mór, air choltas orra gu robh 'ad làidir.
Agus thàinig 'ad a-nall far an robh am bodach agus 's e 'ad a bha coibhneil, slick ris agus thuirt té aca ris, "'S fhèarr dhut faighinn deiseil, agus falbh còmhla rinn. Ach chan eil e sàbhailte dhut a bhith seo."
"Chan fhalbh mise," os esan, am Bodach "às an àit a's a bheil mi," ars esan, "do dhuine sam bith."
"Uill," os ise, té aca, "'s fhèarr dhut falbh," ars ise. "Tha mi cluinntinn gu bheil feadhainn gad watchadh ann a' seo airson do mharbhadh," os ise, "agus tha 'ad a' deanamh a-mach gu 'eil mòran airgead agad 's gum faigh 'ad an t-airgead."
"Chan fhalbh mise," ars esan, "còmhla ri duine sam bith," thuirt esan. "Ma dh'fhaoidte ged a dh'fhalbhainn còmhla ribhse nach eil sibh fhéin a tha dol 'gam mharbhadh."
"O chan eil sinn a' dol a dheanamh a leithid sin ort idir."
"Uill," thuirt am bodach riutha, "thallaibh sibhse," os esan "chan eil mise falbh."
Thuirt té aca, "Feumaidh tu falbh còmhla rinn ma thig i thuige sin."
"Chan fhalbh mi," os esan.
Rug té ac' air, "Is draghaidh sinn," ars ise, "air falbh thu." Is cha robh i a' mothachainn dha 'n fhuamhaire idir, bha e car air cùlaibh a' bhodaich far an robh e na shuidhe.
Ghabh a' fuamhaire 'nall is rug e air té a's gach làimh agus sgailc e an dithist aca sin is chaidh e a-mach. Theich an fheadhainn eile.
"Ah," ars esan, am fuamhaire, "cha dean math dhut fuireach a-seo a-nochd. Chan eil fhios agad nach tilleadh 'ad sin."
Thug a' fuamhaire air a' bhodach a dhol a-mach còmhla ris co-dhiù, agus dh'fuirich e là no dhà a-muigh còmhla ris agus thuirt e, am bodach, "Tha mi 'dol a-staigh a choimhead air na caoraich,agus air an taigh."
"O," os esan, am fuamhaire, "chan eil thu falbh leat fhéin idir," os esan. "Falbhaidh mise còmhla riut."
Start 'ad 'san taigh is nuair a thàinig 'ad, co-dhiù, uill dhùin 'ad dorast an taighe mun do dh'fhalbh 'ad, ach nuair a thàinig 'ad bha e fosgailte. Agus "Tha rudeigin ceàrr," os esan, am fuamhaire, "a' seo an-diugh a-rithist."
Nuair a ràinig 'ad an taigh cha robh sgath a-staigh nach robh air a ghoid 's air a bhristeadh, 's e a h-uile rud a bh' ann. Shuidh 'ad co-dhiù. "Chan fhaod thu," ars esan, a' fuamhaire, ris a' bhodach, "fuireach an seo oidhche ri 'd mhaireann tuilleadh, [a chionn 's?] tha 'ad 'gad watchadh."
"Chan fhan mi," ars esan. "Ach tha mi dol a-staigh dha 'n taigh," ars esan, "mionaid bheag a choimhead, dh'fhag mi airgead an tìodhlaicheadh air falach a's an taigh. Ma dh'fhaoidte gun robh iad ga shiubhal" ars esan.
Chaidh a' fuamha—am bodach a-staigh agus thill e. "A," ars e, "cha d'fhuair 'ad an t-airgead idir," ars esan. "[Chan eagal chuir ann?]."
"Uill," ars esan, am fuamhaire, "nach math nach d'fhuair."
Ach anns an àm, co-dhiù, dh'fhairich 'ad bruidhinn cuimseach àrd a bha air an taobh thall dhiubh. Agus dh'éist a' fuamhaire riuth' agus dh'éist am bodach riuth', agus fhear a robh e bhruidhinn, chan fhaiceadh 'ad có bha 'ga deanadh 's ach gun cluinneadh 'ad a' bhruidhinn a bha seo mar gum biodh e an cùl an taighe. Is chual' 'ad fear aca ag ràdh, "Gheibh sinne greim an-diugh air Bodach nan Caorach ge be cà' bheil e."
Bha am fuamhaire deiseil ruith' is thàinig ceathrar no còignear aca 's ghabh a' fuamhaire [?] air a'—air a' [?] 's am bodach, 's mharbh 'ad a h-uile gin aca. Agus thill am bodach 'null is dhùin e an dorast, thill e a-mach còmhla ris na fuamhairean dha 'n uamhaidh, 's stad 'ad a h-uile rud a bh' ann aige sin fhéin.