GF196i05N AN DÀ CHEARDACH Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan Tar-Sgrìobhadh: Oighrig NicFhraing | Effie Rankin …dithis dhiubh— tha mi dol a dh'innse—gus an innis mi seo. Bha i shìos aig ceann rathad agus cha robh na gnothaichean a b' uaisle a' dol air adhart aig ceann a' rathaid a bha a' cheàrdach a bha seo. Bha dà cheàrdach—a' cheart cheàrdach a bh' ann ach…. Thàinig e 'stigh an seo na—latha—bodach seo, agus dh'fhoighnich cuideigin dha—bha naidheachd air choireigin aige. Bha ceardach a' Ghobhainn Mhòir ann agus bha ceardach Mhic Nìll ann, agus 'se MacNìll a bha shìos 's a' cheardach a bha shìos aig ceann na driveway bha seo. Agus cha robh barail sam bith aig' air an driveway, ach dh'fhoighnich am fear a bha seo, dh'innis e naidheachd dhan fhear seo—tha iad marbh uile gu lèir— "O, trobhad," thuirt am fear seo," bha fhios aige nach innseadh am fear seo, nach robh e uamhasach fìrinneach—chreid e naidheachd seo, "agus càit' an cuala sibhs' an naidheachd seo," thuirt e, "co-dhiù 's ann—an ann an ceardach a' Ghobhainn Mhòir a chuala sibh an naidheachd?" "O, chan ann, chan ann, ach 's a' cheardach aig Sodom and tomorrow!" Translation: The Two Smithies …two of them…I am going to tell…till I tell this. It was down at the end of a road and not always the most decent things took place at the end of the road where this smithy was. There were two smithies…it was the very smithy, but…one came in here…this day…this old fellow, and someone asked him…he had some story. There was the Big Smith's Smithy and MacNeil's Smithy and it was MacNeil who was down in the smithy at the end of this certain driveway. And he had no good opinion of the driveway, but this fellow asked him, he told a story to this fellow—they are all dead—"Oh, come," said this fellow—he knew that this one would not tell, that he wasn't very truthful—he believed this story—"and where did you hear this story, was it…was it in the Big Smith's Smithy that you heard the story?" "Oh, no, no, it was rather in the Sodom and Tomorrow smithy!