GF195i07N AM FEAR A THUIT 'SAN UAIGH Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan Shuas aig…an cladh a Inverness a-seo is fhios agad, 's ann a thachair seo. Feareigin a bha 'gabhail steallan math do—dhan stuth làidir. Thuirt e aige fhéin bha e 'dol a choimhead, a' visiteadh air coimhearsnachd dha is thuirt e leis fhéin gun gabhadh e ron chladh, 's an oidhch' ann, is cha d' thug e an àire riamh is bha uaigh fosgailte sin is nach do thuit e 'san uaigh. Agus a' sin 's a' mhadainn nuair a dhùisg e, cha robh i soilleir idir. Bha méinneadair air choireigin a' dol a dh' obair dhan mhéinn, agus e car gealtach co dhiubh a' dol seachad air a' chladh a bh' ann. Sheas a' fear seo 's a' chladh astaigh is dh' éibh e, "Dé an uair a bha i?" Cha b' urrainn dhan fhear eile—cha mhór nach do thuit e marbh agus ruith e cho luath le cù.