Am Fear a Thòisich air Bàrdachd
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF195i06N AM FEAR A THÒISICH AIR BÀRDACHD
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan
Uill bha duin' uasal againn is e car na mharsanta bho chionn taosg dha'n bhliadhnaichean agus bha e 'smaoineach gu robh e uabhasach uasal is a' leithid sin is bha coimhearsnach dha is thoisich e air bàt' a dheanadh agus bha e fhéin, bha e cho witty is dheanadh e na h-òrain seo cho math. A' fear a thoisich air deanadh na bàt', 'se dory a bha e 'deanadh, ach fhuair a' fear seo a-mach mun bhàta, gu robh e ri bàta, is thoisich e a' deanadh ceathramhan do dh' òran a' magail dha'n bhàt' aige is thuirt e:
Ó do bhàt', é do bhàta,
Chan eil do bhàt' a bh' ann ach a' cumail mùin
Ó do bhàt', é do bhàta
Chuala a' fear seo seo, fhios agad, a' bhàrdachd a bha esan a' deanadh mun bhàt' aige. Thionndaich e mun cuairt is thuirt e,
"An cuala sibhse mun bhàrd MacEanraig,
A thoisich ri bàrdachd am bliadhna?
Nuair a leig ris chuid fhiaclan
Bu choltach e ri sgiamh a' gheòidh,
Amhach fhada corra-ghritheach,
'S dos na pìobadh as a thòin."