GF195i04 SIUD MAR A DHUILICH MI 'N T-EACH ODHAR Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan Seann each, agus fear aig a robh seann each agus dh'fhalbh e ga chreic. Toil aige beagan air choireigin fhaighinn do dh' airgead airson an eich agus chaidh e staigh dha na taighean seo car do thaigh osdail ann agus bha crowdaichean astaigh is 'ad ag éirigh air òl is bha esan a' creic a' stuth a bha seo cha robh airgead aigesan ach, cha robh do dh' airgead aigesan ach airson— bha e dh' fhaighinn seo air an each, 's mu dheireadh cho robh cent aige. Bha an t-each air a' chreic uile. Chan fhaigheadh e an córr do dh' airgead airson an each. Bha e 'dol dhachaidh agus gun airgead 's gun an t-each aige. Ach rinn e ceathramhan do dh' òran 's e a-staigh 'san taigh, 's thuirt e: Tacan beag ro bheul a' latha Shiubhail mi mach air na fraighean Chunna' mi an talamh 's an t-adhar 'S ball' an taighe 'dannsa [Séist]: O siud mar a dhuilich mi 'n t-each odhar Fhuair mi far na féille fodham Nuair a shaoillinn a chuir air teadhair 'S ann a gheobhainn dram dheth 'S fear na shìneadh 's fear na chadal Fear ag òl an uisge bheatha Fear còmhla ri bean an taigh' Fear an taighe dranndan 'S nuair a ràna' mi mo mhàthair 'S labhair i rium gu bàigheil 'S thuirt i rium-sa anns a' Ghàidhlig, "Cà' 'n do dh' fhàg thu an seann each?" Fhuair e an t-each air ais air sàilleabh nach do dh' ith a' mhàthair e air sàilleabh 's nach do chàin i e. Bha an geall suas, no mar an canadh 'ad, mo mhàthair, dh' fhuirich gu faigheadh e an t-each air ais 's nach d' fhuair e an t-each air ais. Fhuair e an t-each air ais, fhios agad. Cha d' rinn mise job mhath dheth sin idir....