Back to recordings

Am Fear a Shnàmh o Bhaghasdail dha 'n Eilean Mhór

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF194i01 AM FEAR A SHNÀMH O BHAGHASDAIL DHA 'N EILEAN MHÓR


Beulaiche: Eóghann Eachuinn Dhòmhnuill Iain mac Eoghainn | Hugh MacSween



Bha Maighstir Alasdair MacGillebhràth 'na pharraiste—'na shagart parraiste am Baghasdail. Agus, bha fear dha na—bha fear a mhuinntir a' pharraiste, bha e gu math h-amasach air an teangaidh. Agus, bhiodh a' sagart a' tarraing ás.


Ach co dhiubh, bha a' samhradh gu math teth ann. Bha e Dòmhnach aig an eaglais a's a' mhadainn mun do thòisich an aifreann, 's bha 'ad a-muigh a' bruidhinn. 'S bha—thàinig a' sagart mu chuairt 's bha e 'bruidhinn ri Larry.


Agus thuirt e, dh'fhaighneachd e dha, dé—na, a' robh an teas a' cur trioblaid air. Och, o, thuirt e, nach robh, nach robh, nach robh cus [aireach/àrach?] air cho teth 's a bha i idir.


"Uill," os' esan, "an dé," os' esan, "bha i uabhasach teth a' seo," os' esan, "shnàmh mi," os' esan, "o chladach ud," os' esan, "á Baghasdail," os' esan, "a-null gus an d' fhuair mi acarsaid an Eilean Mhóir," os' esan. "'S dhìrich mi suas," os' esan, "air a' bhuoy, lìon mi a' phìob," os' esan, "'s ghabh mi smoc 's shnàmh mi air ais."


Bha Larry 'na sheasamh ag éisteachd ris. "Uill, Athair," os' esan, "feumaidh gur ann 'nad thòin a bha na maidsichean ud!"



Hugh MacSween
Bàgh na h-Àird' an Ear | East Bay 2 recordings Faic pròifil | view profile