GF187i03E AN SEACHDAMH MAC AGUS TINNEAS A’ RÌGH Beulaiche: Calum mac Ghilleasbaig Chaluim an Tàillear | Malcolm Campbell [Malcolm Campbell]: Thall ann am Margaree—seachdamh mac a bh' ann. Bhiodh e leigheas rud ris a' chanadh iad 'tinneas a' rìgh'. An cuala tu riamh sin? [John Shaw]: Cha chuala. [MC]: King's evil. [JS]: Tinneas a' rìgh—agus dé tha sin? [MC]: 'S e seòrsa, mar gum biodh, lodadh ort, 's nach leigheasadh e. Cha ghabhadh e leigeas. Agus bhiodh 'ad a' dol a choimhead air an t-seachdamh mac airson sin a leigheas. Agus bràthair m' athar, chaidh a choimhead air a' fear seo agus leighis e e. Agus bha fear dhiubh a' fuireach à Suidni. Tha e marbh a-nise, Mac'IlleGhobhainn a bh' ann. Agus chaidh mo phiuthair a choimhead air, 'son bha a làmhan aice a' bristeadh a-mach, agus cha ghabhadh 'ad leigeas, agus chuir e sin a' feabhas 'ad, le—bha rann ann, a bhiodh i—dh'innseadh ise dhut ciamar a bha e 'g obair. Dh'fheumadh i—chaidh i ann, agus dh'fheumadh tu a dhol ann gu math tric. [JS]: Dh'fheumadh. [MC]: Aig an àm, an aon àm, cha chreid mi, air a' leithid seo a' latha, bha thu 'dol ann. Tha e mar sin, car mar sin a bha e. [JS]: 'S ann. [MC]: Sin mar a chuala mi—dh'fheumadh nighean a bhith a' toiseach na seachad na seachd mic, no as an deaghaidh, no cha robh sian do leigheas idir aice. Sin a bha mise 'smaoineach gu robh e ciallachadh. [tape cut]—nach do dh'obraicheadh e ceart cho math dhaibhsan. Chan eil fhios 'am carson ach dh'fheumadh an uair sin gille a bhith air an gach ceann, aig an toiseach na air an deireadh, as an deaghaidh.