GF186i05 DÀ-SHEALLADH Beulaiche: Calum mac Ghilleasbaig Chaluim an Tàillear | Malcolm Campbell [Malcolm Campbell]: Bha piuthar mo mhàthar, o, fad a beatha, bhiodh i, nuair a bha i na h-ighean òg, bhiodh mo sheanair, bhiodh e a' deanamh cisteachan laighe. Agus shuas air lobhta an taigh aca, bha aon cheann dheth nach robh seòmbaran idir ann, aon seòmbar mór, agus àm droch shìde, bhiodh e 'g obair shuas an sin. Agus thachair dhise gun robh i 'cadal shuas ann, agus o, diofar thursan, dh'fhairicheadh i a's—ré na h-oidhcheadh, an leabadh bhith 'ga gluasad, 'ga chuir an dàrna taobh. Agus ma dh'fhaoidte, chan eil fhios dé cho fada as a dheaghaidh siud, bhiodh am bodach suas, chuireadh e leapa air dàrna taobh, 's chuireadh e suas bench obrach, is dheànadh e ciste. Agus chìtheadh i, bha a' chladh, bha e a's an aon—air fearann mo sheanair. Agus dh'fheumadh 'ad a dhol seachad, a h-uile tòrradh a dhol seachad air an doras, a' dol sìos chun an àbhainn, faisg air an àbhainn a bha a' chladh. Agus chìtheadh ise na h-eich, 's dh'aithnicheadh ise na h-eich 's na daoine a bha 'san tòrradh. Ach cha robh sìon a dh'eagal aice ron a leithid sin. Gus an do dh'fhàs i sean, nuair a dh'fhàs i, dh'fhàs i, uill suas ma, cha robh i uabhasach sean nuair a fhuair i am bàs, ach bha i faisg air trì fichead. Ach nuair a dh'fhàs i nas sine, bha i beagan eagallach 'n uair sin. Ach nuair a bha i òg— [tape cuts] Bha dreag, bhiodh 'ad a' faicinn, bha feadhainn, bhiodh, mar gum biodh cnap do theine a' falbh agus earball beag ás. [John Shaw]: Sheadh [MC]: Agus thigeadh e chun an taighe, no dh'fhalbhadh 'ad fon an taighe, taobh a' chladh. Bhiodh 'ad 'ga fhaicinn. Chan fhaca mi gin, cha chreid mi gum faca mi gin riamh. Ach chunnaic mo bhean té a' seo, o'n a thàinig sinn an a' seo. Agus bhàsaich cailleach a bha 'san àite as a dheaghaidh sin, faisg air a chunnaic ise an dreag. Chan fhaca mi dreag. Chunna mi solais ann an taigh, o bha mi fhín is mo phiuthair, bha sinn a' deanamh—bha sinn a' coimhead air Niall Chaimbeul. Agus bha sinn thall aig cloinn 'ic Keigan, tha 'ad a' fuireach far a bheil Timmons an-dràst'. Dh'fhalbh sinn ás a' sin, bha i faisg air meadhan oidhche, tha mi 'creidsinn. Is bha eadar Nollaig 's a' Bhliadhn' ùr. Bha sneachd ann, agus 'se each is sleigh a bh' againn. Is chaidh sinn a-staigh, bha an taigh seo faisg air ceann rathad a tha 'tighinn a-nuas, Morley's Road a chanas 'ad ris. Agus 'se àite nach fhaca tu riamh solas as deaghaidh naoi uairean a dh'oidhche, mura bitheadh daoine a-staigh air chéilidh. Agus bha sabhal eadar an taigh 's a' rathad. Agus bha àite far an cuireadh tu—dh'fhaodadh tu beòthach cuir a-staigh chun an abhainn a dh'iarraidh deoch. Agus leig mise a' làir a-staigh dha 'n an abhainn a dh'iarraidh deoch. Agus chan fhaiceadh tu doras air an robh sabhal. Ach nuair a thàinig sinn seachad air an t-sabhal, thug mi sùil air na taigh 's cha robh—bha a h-uile uinneag a bh' ann air a lasadh suas. Agus thuirt mi ann an spòrs ri mo phiuthar, gu feumadh gu' robh cairdean aig a' chailleach, a' bhoireannach a bha seo, a-nochd, thuirt mi rithe, leis cho ainmoch 's a' solas aca. Ach, bha sinn a' dol sìos a' rathad agus cha robh sinn fada gus an tionndamaid suas, 'tighinn a-mach dhachaigh, air rathad Mhorley, agus choimhead mi 'rithist agus bha h-uile uinneag a bh' air an taigh 's—ach dh'athnicheadh tu nach e, nach e solas ceart a bh' ann, mar gum b' eadh e air chrith. Agus thuirt mi 'n uair sin, "Feumaidh gur e manadh air choireigin a bh' ann." Agus cha robh fad', ach cola-deug as a dheaghaidh siud, nuair a bhàsaich a' chailleach, agus thàinig—bha feadhainn dhe 'n teaghlach aice air falbh. Agus thàinig géile sneachda agus [bha fhair'?] aca fad seachdain. B' fheudar dhaibh [a h-aire?] bho DiLuain gu DiSathairne mu'n d'fhuair 'ad dhachaigh chun an tòrradh, agus sin agad— [JS]: Sin as coireach gu robh— [MC]: Sin as coireach gu' robh, sin agad e, gu' robh na solaist mar sin.