GF186i04 LEIGHEAS-SÙIL Beulaiche: Calum mac Ghilleasbaig Chaluim an Tàillear | Malcolm Campbell [Malcolm Campbell]: Bha, bha, is chunnaic mi dà sheann bhoireannach aig a' robh leigheas-sùil. Agus a' rud a bha 'ad a' deanamh, nuair a gheibheadh 'ad ainm ge be cò bh' ann ma bha rudeigin na sùil, tha fios gu robh ann an ainm an Tighearna a bha iad a' deanamh a' rann. Ach bha i 'gabhail—dh'fheumadh i cùpa uisge fhaighinn. Agus bha 'ad a' gabhail trì balgam o'n uisge, is dh'fheumadh i rann a ràdh fhad's a bha an t-uisge na beul. Is gheibheadh i 'n uair sin ge be dé a bh' ann air bàrr a teanga. Agus thuirt piuthar mo sheanair rium aon uair gun d' fhuair i mial, is cha do choimhead i riamh as a dheaghaidh sin. Theab i bhi marbh leis, dh'fhàs i bochd leis, mial a bha 'sa, bhodach, an sùil dìreach a sùil leanabh no sùil duine air choireigin ás a nàbachd, agus—ach bha sin deireadh a' rann, gu faigheadh tu rud air bàrr do theanga. Agus fhuair ise rud a bha seo is cha do choimhead i riamh tuilleadh, thuirt i rium. Chan fheumadh—bha—nam biodh ainm an duine aice, no ge be dé, leanabh no ge be dé a bh' ann, bha i ga dheanamh an ainm an Tighearna airson an duine bha seo. Ged a bhiodh e fichead mìle air falbh, cha robh e gu diofar. [John Shaw]: Cha robh. [MC]: Cha robh. Nuair a bhiodh 'ad—nam biodh 'ad a' dol moladh sian sam bith a bh' agad mar beòthach no pàisde chanadh iad, "Gum beannaicheadh Dia e," air eagal 's gu làigheadh a' sùil air gun fhiosda dhaibh. An cual' thu riamh sin? [JS]: Chuala. [MC]: Chuala. [JS]: Chuala ceart gu leòr. [MC]: Chuala mise feadhainn, cha chanadh iad diog dha sìon sam bith ach "Gum beannaicheadh Dia e" aig a' cheann mu dheireadh, air eagal 's gu—agus 's e siud am feadhainn nach robh an droch shùil a bh' aca, 's e sian a bh' aca mar siud, gur e rud math a bh' ann. [tape cuts] An cuala tu riamh sin? [JS]: Cha chuala, dé bh' ann? Flaxseed? [MC]: Flaxseed. Cuireadh tu na do shùil e colach ri, mar sin agus— [JS]: Agus thàirneadh sin— [MC]: Tharaingeadh e ás e, leigeadh e ge be dé a bh' ann amach còmhla ris a' flaxseed. Chunnaic mi fear, saor a bh' ann 's feadhainn [dhiubh?] na phòca daonnan. [JS]: Bhitheadh. [MC]: Bhitheadh. Air eagal 's gun téid rudeigin an sùil duine, is bheireadh e ás. [tape cuts] Fear òg a bha 'sa nàbachd, agus chaidh 'ad far an robh i, airson rud a toirt ás a sùil. Agus thuirt i riutha gur e crumbs aran a bh' ann. Agus nuair a chaidh 'ad dhachaigh is nuair a dh'inns 'ad á màthair an leanaibh, thuirt i gun robh cuimhn' aice, bha i a' sguabadh dheth a' bhòrd bìdh agus bha crumbs agus chaidh 'ad [gu'n?] pàist' air an ùrlar is chaidh 'ad na sùil. Is bha i fad na h-oidhcheadh, uair no dà uair [?] 's bha i a' caoineadh 's a sùil aice goirt. Agus chuir 'ad an uair sin brath chun na caillich is thug i, rinn i a' rann dhaibh, 's dh'inns i dhaibh gur e na crumbs aran a bha na sùil. 'S tha siud mìle no còrr air falbh.