GF183i04E AM BODACH A' DOL A PHÒSADH (CUINGICHTE) Beulaiche: Murchadh Ghilleasbuig Mhurchaidh | Murdoch Gillis Bàrd: Lachlann Iain Bhàin | Lachlan MacKinnon Phòs a' fear seo, is an oidhche na bai—nuair a phòs e, chaidh e dha na leabaidh, is chruinnich feadhainn mu chuairt 'son shivaree, is cha do dh' éirich e idir, agus ghabh 'ad as an t-sròn e, mar gum biodh. Chaith 'ad suas phoca do flù 'na chimney, agus nuair a dh' éirich a bhean taighe, an té a bha 'cumail taighe dha, car, chuir i an tein' air is cha robh e 'tarraing idir. Is lìon an taigh suas le ceò is ghabh i an t-eagal gu robh an taigh na theine, 's chaidh i 'mach. Bha fear eile a' fuireach ann is ghabh esan an t-eagal as a' cheò is leum e rùiste a-nuas. Cha do chuir e aodach idir air agus bha deis' ùr aige is bha i air a' ghàirdean aige is leum e 'mach is nuair a chunnaic a bhean taighe e, nuair a thug i sùil air, rudan a chunnaic i, chuir e sunnd uabhasach oirre. A bheil fhios 'ad, feuch an téid agam air a' cheathramh ud a' cuimhneachadh air. 'S nuair a dh' éirich Ceite [Dhùghaill/a dh'uair?] Anns a' mhadainn mar a b' àbhaist Chuir i a thein' air is ghabh i h-ùrnaigh Is thug i sùil a chum na h-àirdibh Gur e h-aingeal is e rùiste 'S chan e [siùdadh?] air a' ghàirdean 'S a rudan air a bhagraich a sùilean Chuir e sunnd oirre a bha gàbhaidh Sin na bheil agams' dheth, fhios a'd…