Freagairt Shomhairle (cuingichte)
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF182i04 ÒRAN MHIC AN TÒISICH
Beulaiche: Aonghas mac Eoghain Ruairidh | Angus Gillis
Tar-Sgrìobhadh: Mgr. Daibhidh MacFhraing | Fr. David Rankin
Bha banais 'dol a bhith 'n Albainn trup, am measg beinn an Albainn, bha blaze a' dol ro 'n choillidh, blaze dheth na craobhan, bho chraobh gu—bho chraobh gu craobh agus, chuir iad an gill' òg a bha seo, bho nach do dh'òl e boinne riamh, chuir 'ad e a dh'iarraidh galan ruma 's coinnlean, airson na banais. Thachair e air duine mullach na beinn, té dha na beinnean seo, agus each is dìollaid is buideal coig galan aig' air a chùilthaobh, 's tha sheans' gu robh an ceangal an deaghaidh a fàs car las. Ach, thàinig an gille òg suas, thug 'ad tacan a' bruidhinn, 's thog a' fear air an eich, 's bha stoban—sin ah, cap na spigot a bh' air a' baraille—'s bha slig' aige 'na phòcaid, cha robh soitheach no gloinne, no cùp' ann, ach slige. Theireadh 'ad fhéin, na seann daoine, ris 'an t-slig' a chreach sinn,' 'the dish that robbed us'. Ach co-dhiù, lìon e i do dh'uisge-beatha 's bha e air tharraing dùbailt', bha e cho math 's dìreach 's a ghabhadh a bhith, tha seansa. Ghabh an gill' e, chaidh e 'na cheann, 's bha a' fear eile cho fialaidh 's thug e dha té h-eile an ceann tacan, 's té h-eile, 's té h-eile, 's Dhia mu dheireadh seo agad an deireadh aige—bha bodach a' fuireach shìos an grunnd an uillt, 's bha e eagalach math gu bàrdachd 's dh'inns an gill' òg dha a' stòraidh, 's ceann gort air an ceann a dhà no trì lathaichean, agus rinn am bodach an t-òran dha, is seo agad mar a bha e 'falbh:
'S là dhomh air eacharan,
Air allaban 's a' mhòintich,
Thachair fear is each orm,
'S e 'teannachadh na ròpain.
Theann mi ris gu farasdach,
Gu'n d' dh'fhairich mi dhe chòmhradh,
Bha [ceangail/cionn?] air a chùlthaobh,
'S e 'giùlan Mhic an Tòisich.
'S nuair thug mi treis na chòmhradh,
Gu robh mi deòrach falbh às,
Bho 'n fhuair mi e cho caoimhneil,
Gun d' dh'fhaighneach mi dé b' ainm dha.
Thuirt e rium "bheir fhathast ort,
Buail fhathast air an dealbhan,"
'S lìon a' soitheach solasach,
Gu bheil a' stòp mar ainm dha.
'S ma tha thu ag iarraidh eòlas orm,
'S ma tha thu 'faighneachd m' ainm dhiom,
Gheobh thu fios mo shloinneadh
Le bhith tacan beag nam sheanchais.
'S mi mac na poite duibh,
Bhios na suidh am bun an dealbhan [gealbhan],
'S e 'n t-eòrna buidh' as athair dhomh,
'S e 'n atharnach mo sheanmhair.
'S nuair laigh sinn air a' bhuideal,
Cha robh guth air luchd na bainnseadh
Ged bhitheadh iad an oidhch' sin
Gun choinnlean no gun dannsa.
A Rìgh bu chruaidh an t-sìd' a bh 'ann,
An tìmeannan a' gheamhraidh,
'S nuair [ainmig/ thèanna mi/ thàna mi?] ri gluasad
Bu luaith' a bha 'n t-àm ann.
'S tha m'aodach air a shracadh,
'S mo chraiceann air a sgròbadh,
'S m' aodann làn ghearainnean [ghearraidhean]
Le obair Mhic an Tòisich.
Cha dèanainn car ach sgrìobadh
Is m' ìnean chuir an òrdan
'S gann a dhèanainn aithneachadh
An t-aineolas no 'n t-eòlas.
Gur mise ghabh an t-eagal,
'S cha bu bheag na ghabh mi dhèanamh,
An dreathan donn a' feadartaich,
'S ann shaoil leam gu robh triùir ann.
Saoil sib' fhéin nach b' uamhasach
A sealladh thug mo shùilean dhomh
Nuair shaoil leam gur e a chunna mi
Mac Cùlaig is Mac [C/Sg?]Rùsglain [Rùsglaig?]—dà fhamhair mhór a bha an Albainn—
'S gur mise ghabh a' suaineach
À Cuach Mhic 'Ill' Anndrais
A' liuthad h-aon a chuala
Gu chuirear às mo cheann i
A' liuthad [bruthasg uasdal/briuthas uasal?]
'S an d' fhuair mi deoch is dram,
Chan fhaca mi cho uasdal
Ri Cuach Mhic 'Ill' Anndrais.
[Diddling].
Reference sources:
Brìgh an Òrain, ed. John Shaw (2001), p. 295; An t-Òranaiche, ed. Trueman E. Matheson (2004), p. 296