GF176i03_177i01 AN SEACHDAMH MAC ’S AN T-SEACHDAMH NIGHEAN Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha fear a’ faighneach dhìom mu dheidhinn feadhainn a dheanadh leigheas agus na leithid -- an gnàthas sin. Bheireadh -- cha chual -- chan fhaca mis’ am boireananch agus -- ach gun cuala mi gu leòr ma -- seanchas ma deidhinn agus chuala mi naidheachd aig fear agus thuirt e gu robh seo fìor, gur a h-ann dha fhéin a thachair e. Bha té shuas aig a’ Chamus Mhór no mar a chanas ‘ad an diugh Camus an t-Saighdeir. Agus bheireadh i sin rud á sùil neach, rud nach fhaic, mar a bheireadh ‘ad, dùbhradan. Mar a chaidh s -- Co dhiù ’s e[?] rud beag ‘nad shùil, ’s rud beag de -- co dhiù bhiodh ann, sìlean de rud no dùslach no -- no [?] no ge b’ e gu dé a bhiodh ann mar a chaidh ann an sùil neach, bheireadh i sin ás a shùil. Gun [?] dhol far a’ robh e idir. Ach fios a chur dha h-ionnsaigh. Ach cha robh, cha robh fios aig an duine bha seo. Thuirt e gu robh -- gum biodh ‘ad a’ bruidhinn air an té seo ’s gun canadh ‘ad nach robh ann ach, ach breugan ‘s giseagan ’s rud a bha daoin’ a’ bruidhinn air. Co dhiù, dh’ inns’ an duine seo dhuinn mar -- nuair a -- nach b’ fheudar rud ri breugan no giseagan a bh’ ann. Thuirt e gu robh esan -- tha mi smaoineachadh gur ann ri “clearadh” talmhainn a bha esan, airson gràn a chur ann ‘s an soirbheas làidir ri séideadh agus bha an talamh cho tioram. Agus dh’ éirich spiolagan de dhùslach. Tha e coltach gur e ma dh’ fhaoidte [sìlean?] de ghainmhich a bh’ ann. Shéid an soirbheas a suas chuir á sin ‘na shùil. Agus cha ghabhadh sin faotainn fhaighinn ás. Mar a bha e fhéin, bha feadhainn a-staigh agam fhìn a bha eadar mo phiuthar agus mo mhàthair, ‘s bha ‘ad fhéin a’ smaointinn gu robh ‘ad math rud thoirt á sùil duine. ’S cha mhór nach d’ thug ‘ad an t-sùil ás mo cheann agus cha d’ fhuair ‘ad a’ spiolagan a bha ‘nam shùil ach co dhiù, chuala mi mu dheidhinn na té a bha seo agus dh’ fhalbh mi suas dha h-ionn -- far a’ robh i agus bha bréid air a chur mu m’ shùil airson a geàrd. Ach thuirt i rium nuair a thàinig mi shuas gur e mi a bha gòrach a’ dol suas a’ toirt cothruim dhe shùil fuachd a dhol innte agus i sil -- i sileadh mar a bha i. Bhiodh deòir a’ ruith á sùil nuair a bhiodh rud innte bha cur trioblaid oirre. Thuirt i nach robh riatanas sam bith dhomh -- dhomh bhith air a dhol thuic’ idir. Nam biodh i -- nam bithinn air fios a chur thuice. Agus an rud a bha ‘na, a bha ‘na shùil, dh’ fhalbh e ás. Co dhiù bha spiolag bheag a bha ‘na shùil, thàinig sin ás. Ach co dhiù bha mi -- bha feadhainn -- bha diofar feadhainn a’ seanchas mu deidhinn seo agus bha e ‘g innse dhuinn gu robh duine eile ann a chuir fios thuice. Cha deach e idir far a’ robh i. Chuir e fios thuice ma dheidhinn rud a bhith ‘na shùil agus as a’ mhadainn nuair a dhùisg e, cha robh sian ‘na shùil. Bha e -- dh’ fhalbh i ás. Agus sin mar a -- mar a bha ’n naidheachd a fhuair mi air an -- air an té sin a bha toirt rud ás na sùil. Ach bha feadhainn ann a leighiseadh rud ris an canadh ‘ad “tinneas a’ Rìgh”. Agus b’ e sin an t-seachdamh mac agus an t-s -- no an t-seachdamh nighean. Nuair a bha -- nuair a fhuaradh seachdnar ghillean ann an teaghlach agus gun gin de nigheanan a bhith measg [?] a bha sin. Dh’ fhaodadh nighean a bhith air thoiseach orra no nighean a bhith as an deoghaidh, cha deanadh e gu diofar ach ma bha an seachdnar as deoghaidh a chéile, bha -- bha an t-seachdamh nighean no an seachdamh mac ann, bha cuid mhór de theaghlaichean ann as an robh ochdnar no naoinear de theaghlach. Deichnear. Ach cha robh -- cha robh an seachdamh mac aca ’s cha robh an t-seachdamh nighean ann. Ged a bhiodh seachdnar ghillean ann, thàinig ‘ad -- thàinig ‘ad air -- eadar ann an dealachadh. Bha an nighean eadar, eadar pàirt dhiubh. Ma thàinig ma dh’ fhaoidte ceathrar agus nighean ’s thàinig a’ sin an triùir eile, ach anns a’ chas far am biodh seachdnar ghillean bha -- bha leigheas as an làimh aca airson seo. Agus bha ‘ad -- chunna mi, chunna mi fhìn -- chunna mi dithist dhe na -- triùir dhe na -- chunna mi fhìn triùir dhe ‘n seachdamh mac. Tha chuimhn’ agam air triùir dhiubh fhaicinn. Bha fear dhiubh cuimseac aosda nuair a chunna mi e ach cha robh am fear eile ach glé òg. Agus bha fear eile car a-mach ’s a-staigh no rudeigin mu m’ aois fhéin. Ach bha ‘ad a’ cantail riumsa gum beireadh ‘ad air -- air cuileag no air biast -- air boiteag no sian dhiubh sin agus nach biodh i ach tiotag ‘na làimh nuair a gheobhadh i ‘m bàs. Thuirt -- chaidh innse dhomhsa nach tugadh a’ fear seo, nam biodh e dol a dh’ iasgach sìos gu lochan beag no gu -- gu glumag ann an allt, nam beireadh e leis beagan de bhoiteagan na talmhainn a sìos airson biadhadh. Nuair a gheobhadh ‘ad -- nuair a chuireadh e [nall?] -- nuair a chuireadh e leis na làimh ‘ad, bhiodh ‘ad marbh nuair a ruigeadh ‘ad an cladach. Co dhiù bha sin fìor no breug, chaidh innse dhomh gu robh leithid de rudan ann. Agus thuirt té rium gu fac’ i -- gu fac’ i -- is’ a mac fhéin, cha robh e ach an uair sin glé bheag agus bha na -- bha na -- na cuileagan mora seo, ’s e an tarbh-nathrach a bheireadh an t-seann fheadhainn riutha. As a’ Bheurla ’s e -- ’s e ’n dragonfly a bheir ‘ad riu. Sgiathan mor’ orra ’s colann mhór ’s thuirt ise gu fac’ ise an gille beag a’ breith air fear dhiubh seo, ’s nach d’ rinn e ach dìreach breith air. ’S nuair a chaidh ‘ad sìos, eagal oirre gu robh e air a lotadh [?] rud a bha sin marbh ‘na lìamh. Agus sin mar a fhuair mi -- a chuala mi naidheachd air aig feadhainn ‘ga innse. Ach bha ‘ad a’ toirt cunntais [orra?] cuid de dhaoine a bha dol dh’ ionnsaigh an fheadhainn a bha seo, agus tinneas a’ Rìgh -- ris an canadh ‘ad tinneas a’ Rìgh orra. Lotan a bha orra no cnap a bhiodh air -- a bha fàs air an aodann no air an gàirdean. Agus nuair a -- nuair a shuathadh ‘ad an làmh air -- chuireadh ‘ad an làmh air an lot no an cnap a bha seo, bha ‘ad ‘ga -- ‘ga leigheas. Leigheiseadh iad ‘ad. Agus tha cunntais aca bha -- air cuid mhór a leigheis. Chaidh a leigheas leis an t-seachdamh mac, leis an t-seachdamh nighean. Leigheiseadh ‘ad rud ris a’ canadh ‘ad tinnneas a’ Rìgh. Tha mi cinnteach ach gur e ainm neònach ach air an [?] gu bheil ‘ad a’ deanamh seòrsa de leigheas ‘s ma dh’ fhaoidte gu bheil ’s ma dh’ fhaoidte nach eil. Ach bhiodh ‘ad uaireannan, bhiodh ‘ad a’ cantail gu robh, ma dh’ fhaoidte gu feumadh de dhaoine dhol a dh’ ionnsaigh àireamh dhiubh, barrachd ‘is aon dhiubh, dithist dhiubh no -- no triùir dhiubh. Agus bha e -- bha e a rithist air a sheanchas nam biodh fear dhe na -- dhe ’n -- dhiubh sin pòsda, an seachdamh mac pòsda agus an t-seachdamh mac aige fhéin, gu robh ‘m fear sin air a chunntais sònraichte. Agus chan eil fhios ‘am mu dheoghainn sin ach tha e coltach gu robh rud neònach air choireigin ann. Bha ‘ad ag ràdhainn a rithist, nighean neo gille a chaidh, thàinig dh’ ionnsaigh an t-saoghail an comhair nan cas. Ann an cumantas ’s e an ceann a’s [?] sin air an t-saoghal an toiseach. Ach chan e ach nighean air neo gille a rachadh a bhreith an coir an cas, gun coisicheadh ‘ad air do dhruim. Agus ged a bhiodh do dhruim mar a bhiodh, a chanas ‘ad, leum-droma a chanas ‘ad ris ann a’ Ghàidhlig ach ’s e lumbago a bheir ‘ad ris ann a’ Bheurla. Agus na daoine a bhios air -- a bhios gu math uireasbhach as an àm, gu math dona le leum-droma, nuair a sheasadh -- a sheasadh boireannach a bha sin no an nighean no an gille no firinneach gum biodh ann, nuair a sheasadh ‘ad air a dhruim, agus tha mi smuaintinn gu robh ’ad a’ seasamh, as a’ -- a’ deanamh ceum air ais ’s air adhart. Chuireadh ‘ad an cas air a dhruim ’s chuireadh ‘ad an téile fairis a dh’ ionnsaigh an taoibh eile ’s bha ‘ad a’ tionndadh ‘s ‘a cur na cas eil’ air a dhruim ’s a’ deanamh ceum fairis air a-nall. Agus bha sin ‘na leigheas an leum-droma. Sin na leigheasan tha mi -- cho fad ’s a fiosrach mi a bh’ aca. A-measg [?] bha cuid mhór de leisgheasan ‘gan deanamh le cungaidhean rudan a bha ‘ad a’ déanamh plàstaichean ‘is -- agus sùgh ghnothaichean, rudan dhe ’n seòrs -- dha ’n gné sin ach dheanadh stuth sam bith [?] aig gu robh fiosrachadh. Ach bha an fheadhainn seo sònraichte. Cha deanadh ‘ad [?] gin [?] ach ‘ad fhéin an gnothach a bhiodh ann. O bha. Bha leigheas -- bha leigheas bho ’n fheadhainn seo, bho ’n t-seachdamh mac, an duine a leighiseadh a’ leum-droma, cha ghabhadh ‘ad sin pàigheadh airson leigheas ann. Ach nan tugadh sibh tiodhlac dhaibh airson a’ saothraich fhéin, bha sin math gu leòr. Ach cha ghabhadh àsan pàigheadh idir. Bha -- bha an tiodhlac aca co dhiù agus cha robh ‘ad a’ dol a dh’ iarraidh sian air a son. Bha i aca saor agus uime sin bha ‘ad ‘ga cur seachad saor.