GF176i02d MANADH TÒRRAIDH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Chuala mi té ag innse, 's 'ad a' bruidhinn air manadh, na gnothaichean a thachair mar sin. 'S ma dh'fhaoidte gum biodh e cho math dhomh naidheachd seo innse, bho 'n a tha mi ris, agus bha i— bha sinn a' seanachas mu dheidhinn a leithidean seo oidhche ann an taigh, agus dh'innis am boireannach seo gu robh feadhainn oidhche air chéilidh ann an taigh, mar a bhiodh iad ann an taighean na dùthchadh, agus bha Innseannach ann air chéilidh, no bha e 'fuireach ann fad na h-oidhcheadh, no ge be adhbhar a bha e ann. Dh'fhoighneachd iad dha 's iad ag innse naidheachdan a-null 's a-nall, an do dh'fhairich esan, neo 'n cual' esan, sian riamh. Agus thuirt e gun do dh'fhairich. Agus gu dé a bha sin? 'S thuirt e gu robh e tighinn dhachaidh oidhche agus sleigh bheag aige ga tarraing às a deaghaidh ge b'e càite a robh e; an ann a' trapadh neo an ann aig rifichean a bha e cuir airson creutairean béin a ghlacadh neo gu dé a bh' ann. Ach bha sleigh bheag aige tighinn dhachaigh falamh agus bha e 'ga faireachdainn a' tighinn cho aotrom às a dheaghaidh. Ach thuirt e ann an tiotadh gun do dh' fhàs an t-sleighe trom ri slaodadh a's an t-sneachda agus thug e sùil 's bha ciste oirre. Agus chum e roimhe. Thuirt e nach robh àrach air ach cumail roimhe. Agus thuirt e gun d' thàinig e gu leithid seo a dh'àite; an uair sin gun deach e pìos do dh'astar sios a' rathad agus gun do dh' fhàs an t-sleighe aotrom 's thug e sùil, 's bha a' chiste air falbh. 'S bha e mu choinneamh—bha e mu choinneamh cachaille far a robh a' ceum— ceum rathaid gu taigh. Agus tha e coltach gun deachaidh ciste a tharraing a bha iad a dèanamh an àite air choireiginn agus bha esan mun cuairt a's an àm agus chuireadh a' chiste air an t-sleighe bheag aigesan. Bha e dol seachad às an àm 's thànaig feadhainn dh'ionnsaidh a' rathaid agus stad esan 's chuireadh a' chiste air an t-sleighe bheag aige. 'S tharraing e leis sios i gus an do rànaig iad mu choinneamh an àite bha seo agus thug iad a' chiste far na sleigh bheag aigesan 's ghiùlain iad fhéin suas eadar an làmhan i dh'ionnsaidh an taighe. Agus air a réir sin, feumaidh gu robh manadh aig gnothaichean nach robh daoine ma dh'fhaoidte toirt fo-near. Tha cuid mhòr dhiubh an-diugh nach eile a' toirt fo-near a chionn tha gnothaichean air atharrachadh cho mòr; chan eil gnothaichean a' dol air n-aghaidh ann mar a bha 'ad às an aimsir sin. Agus uime sin, canaidh daoine ma dh'fhaoidte an-diugh nach robh a leithid ann co-dhiubh; nach robh ann ach faoin-bheachd a bh' aig na daoine. Ach tha mise 'n dùil fhathast gu robh seadh air a' ghnothach a bh' ann is gu robh 'ad a' tachairt.