GF174i04b BRÉIDEAN AGUS CÌREAN Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha e a' faighneachd—bhathar a faighneachd dhìom timchioll air gnothach réiteach 'is banais 'is pòsadh agus ga leithidean sin. Bha fear a' faighneachd dhìom mu dheidhinn bréid agus bha a' leithid sin ann. Tha mi gu robh—gu bheil 'ad car leth-choltach ris a' sin an diugh fhéin nuair a bhios càraid a' pòsadh. Tha bean na bainnseadh, tha i ann an —air a—ann an éideadh agus tha—bidh gnothach m' a ceann agus aodach sìos gu làr. Agus chanadh 'ad nuair a bha té a' dol gu pòsadh, "tha i dol fo bhréid," bho bha sin a' ciallachadh gnothaichean a' dol ma —còmhdach, tha mi cinnteach, a bha 'dol m' a ceann. Tha mi cinnteach gun can 'ad anns a' Bheurla, "veil" ris a' sin. Agus ma dh' fhaoidte gura h-e gun canadh 'ad anns a' Bheurla, "bridal veil" ris. 'S e sin a' c— an còmhdach—an t[?]— am bréid, no an [t ?] bhiodh e a' dol air— air maighde—air bana—air bean pòsda. Agus cha chuala mi—bhiodh 'ad a-rithist—bha fear a' faighneachd dhìom mu dheidhinn cìrean. Bho 'n a bha—bha na boireannaich gu léir 'nam chuimhne fhéin, nuair a bha mi glé òg, bhiodh 'ad—bhiodh cìr a chinn aca, cìr chùil 'is cìr thaoibh agus bha a' gruaig ac' air a ceangail suas agus bhiodh cìrean aca, mar a thuirt mi, cìrean taoibh, té air gach taobh dhe 'n cinn, agus cìr chùil. Agus bha 'ad air a' sgeadachadh suas anns a' chleachdadh sin.