GF174i02E AODACH CLOINNE Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil A's na fìor laithichean ar n-òige, bha sinn a' cosg—bha na balaich 's na h-ìghneagan, neo ma thogras sibh ag ràdhainn na gillean beaga 's na nigheanan beaga, bha 'ad a' cosg an aon seòrsa aodaich, 's e ìochdar na mar a bheireadh 'ad 's a' Bheurla 'skirt' a bha 'ad a' cosg mar a bha nìghneagan fhéin. Tha cuimhn' agam—tha cuimhn' agam-sa fhathast air mi fhìn a bhith cosg a leithid. Tha mo chuimhne cho math sin 's gu bheil cuimhn' agam air deise bheag a bhith orm mar gum biodh, mar is minig a chunna mi air nìghneagan beaga bho 'n àm a bha sin. O, tha mi 'smaointinn, bho 'n 's cuimhneach leam, bho na tha cuimhne agam gu robh brògan beag' orm. Tha mi 'smaoin[tinn] gu robh 'ad orm cho fad' air n-ais 's a bha mo chuimhn' a' dol.