GF173i03_174i01 LUCHD-SIUBHAIL Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Tar-Sgrìobhadh: Froilig Thar-Sgrìobhadh air Loidhne | Online Transcription Frolic 2024-02-26 Bhathat a' faighneachd dhìom a robh cuimhn' agam air am feadhainn a bhiodh a' siubhal air an dùthaich thall 'sa' cheàrn againn fhìn. 'S e—tha mi cinnteach gura h-e na cèardaibh a bheireamaid riutha, ach a's an àm a bha sin, 's e—anns a' Bheurla bhiodh 'ad, bhiodh 'ad gan ainmeachas agus 's e na 'gypsies' a bheireadh 'ad nuair a bhiodh 'ad a' bruidhinn air an fheadhainn a bha seo. Bhiodh eich mhóra, bhrèagha ac' agus carbadan mòra ceithir rothach agus 'ad a' cur gu math fad agus còmhdach farais air am mullach airson 's gum biodh iad dìonach ri droch thìde agus gum faodadh 'ad a bhith a' siubhal—falbh leis a' sin ri feadh na dùthchadh. O, bhiodh iad a' tadhal ann an àiteachan far an robh e còmhnard—phàirc—far a robh e réidh, còmhnard taobh aibhne, b' fhìor thoil leotha tadhal ann a'—tadhal a' sin, agus campachadh ann. Tha cuimhn' agam—ach cha robh mise idir 'dol dha 'n sgoil, ach tha cuimhn' agam air an fheadhainn a bha 'dol dha 'n sgoil a bhith ag innse mu dheoghainn nuair a chaidh car dhe 'n charbad aca. Aig drochaid taighe-sgoil' a bha—bhiodh e—dha 'n taigh-sgoil gu robh mi-fhìn a' dol, ach cha robh mi a' dol ann 'san àm ud. Ach tha cuimh' agam air a bhith 'gam faicinn a' dol seachad. Agus chuala mi naidheachdan cuideachd air na ceàrdaibh. Bhiodh iad a' tadhal 's a' cur seachad greis dha 'n ùine an àite agus bhiodh daoine a' dol far a robh 'ad a' faighinn bucaidean air a dhèanamh agus soithichean mar sin a bhiodh feumalachd ac' orra aig an dachaigh. Agus tha e coltach gun robh 'ad math gu ceòl. Bha cunntais agam bho aon fhear air feadhainn dhiubh a bh' ann an àite greis de dh'ùine agus bha fear dhiubh na phìobaire, agus dh'ionnsaich feadhainn dhe na a bha 'sa cheàrna sin puirt pìoba bhuaithe, agus tha e coltach gun robh e math gu seinn, gu cluich ceòl pìobadh. Tha cuimhne agam air buidheann a thàinig ach cha b' e luchd-cheàrd a bh' annta idir. 'S ann a bh'annta sin droch fheadhainn. Agus ged a 's e—ged a thugadh an t-ainm orra, bha aig càcha, feadhainn anns a' Bheurla, chan eil mi 'creidsinn gun robh e freagarrach idir, o chionn, an fheadhainn a bhiodh a' dol mun cuairt an toiseach, 's e na ceàrdaibh. Bhiodh 'ad a' fuireach greis ann an àite is bhiodhte 'dol far an robh iad 's 'ad a' deanamh na h-obrach a bha seo, an obair air tin, ach an fheadhainn a bha seo, cha robh sian bho 'n dheireadh a bha coltach ach a' mhéirle, a thaobh bhiodh 'ad a' dol a leughadh làmh dhaoine, 's a' dol a dh'innse dhaibh a' fortan agus aig an àm, bheireadh 'ad an t-airgead às am poca ma bha airgead ann. Agus chaidh iad à dh'aon àite 's ghoid 'ad sporan air fear agus thàinig fear mun cuairt agus bha an gunn' aige 's e 'spaistireachd mun cuairt 's seann ghunn' aig' air a ghualainn. Agus dh'fhaighneachd 'ad do dh'fhear eile dhe na bh' ann gu dé bha an duine 'ud a' dèanamh. Agus "O," thuirt a' fear a bha seo—'s e math gus deanamh an gnothaich suas—"o," ars' esan, "chan eil a' fear 'ud," ars' esan, "ri móran eabsa a chuir ann," ars esan. "Bidh e mu gabhail nan taomannan a' dol—a' falbh mun cuairt leis a' ghunna. Agus," ars' esan, "tha e gu math cunnartach. Agus," ars' esan, "tha fear ann a' seo a' canntail gun do thog sibh a' sporan dheth. Agus," ars' esan, "tha sibh ann an fìor chunnart," ars' e ris, "'s e duine cunnartach a tha 'san fhear seo. Tha sibh ann a' fìor chunnart," ars esan, "nan cuireadh e—an duine a chaidh a sporan a thogail dhe—nan cuireadh e an duine 'ud oirbh," ars esan. "Bhiodh e cunnartach gu leòr. Agus thug 'ad dha a' sporan. Agus thog 'ad ri a' feasgar sin, chan fuirigheadh [fuiricheadh] 'ad na b' fhaide 'san àite sin. Agus chum 'ad sìos ron dùthaich againn-e 's gu b'e cà' 'n deach 'ad, co-dhiù chaidh 'ad à bhaile mòr Shuidni, no gu càit' an deachaidh 'ad. Chan eil beachd agam mu dheidhinn sin, gu dé dh'érich dhaibh. Ach tha cuimhn' agam gun robh—bhathar chàraid, fear is bean, a bhiodh a' dol—bhiodh 'ad sin a' falbh gu math tric, agus bhiodh 'ad—bha 'ad a' tadhal—bhiodh 'ad, tha mi 'smaointinn, a' tadhal ann an taighean. No bhiodh iad a' campachadh. Bha bùth aca a chuireadh iad suas ri taobh uillte na a leithid sin. Bha beathach beag donn aca, làir bheag dhonn ac', agus bha cù mòr aca. 'S bhiodh an cù daonnan a' falbh, bhiodh slabhraidh bheag air a' chù 's e ceangailte ri, ri—ris a' charbad, [?] air n-ais air chùl air a' charbad 's bhiodh e ann an sin. Neo ar thaing nach robh e geàrd orra. O, tha cuimhne agam air iad a bhith 'staigh againn, a' tadhal a-staigh againn fhìn. Agus chaidh biadh thoirt dhaibh, chaidh tì is biadh thoirt dhaibh fhad 's bha 'ad a-staigh. Agus bha iad ag iarraidh dileag de dh'ùill, bha botal aca agus bha 'ad ag iarraidh dileag de dh'ùill a chuireadh 'ad 'sa lanntair. Agus chaidh sin a thoirt dhaibh, dileag de dh'ùill, mar a bheireamaid 'sa Bheurla, kerosene. Thugadh dhaibh—lionadh am botal dhaibh dhe 'n, dhe 'n ùill co-dhiù. Agus mun do dh'fhalbh 'ad chaidh botal eile air a lionadh dhaibh de bhainne. Agus chaidh leth muilinn, na aon—bha muileann slàn do dh'aran a thoirt dhaibh—dhe 'n bhoireanach nuair a bha 'ad a' fàgail. Is o, bha 'ad fìor thaingeil. Agus chaidh ceannag no achlasan de dh' fheur a thoirt dha—a chuireadh an cùl a' charbaid airson 's gum biadhadh e a' làir, nam biodh e an àite—bha e a' tighinn a-null anmoch 'san fhoghar, agus cha bhiodh criomadh ro mhath ma dh'fhaoidte air an tadhladh 'ad—stadad 'ad a chur seachad na h-oidhche, 's chaidh seo thoirt dhaibh, 's o, bha iad fìor thoilichte. Ach tha mi smaointinn gu robh 'ad seo gasda gu leòr. Chan eil beachd agam idir air an ainm, ach gu bheil mi smaointean gun d' thuirt fear rinn gun robh ainm neònach air feadhainn a bha siùbhal mun cuairt bho chionn a fada. Ach chan eil cuimhn' agam air a' sin le ceartas ann, chan urrainn dhomh innse. Ach thòi[?]—tha mi cinnteach gum bi sin gu leòr mu dheidhinn na feadhainn sin. Co-dhiù, mar a thuirt mi, cha robh ainm na feadhainn sin agam ach bha buidheann eile bliadhnaichean às a dheoghaidh sin, bha mi-fhìn agus nàbaidh dhomh 'coiseachd sìos a' rathad agus mi dol air chéilidh a thaigh mo nàbaidh agus—taobh allt a bha shìos ann a' sin. Bha sinn, bha sinn dol seachad chunna sinn carbad òla shuas—na carbad féin-siubhal, ma thogradh sibh ràidhinn—agus chaidh sinn suas far a robh 'ad agus bha feadhainn ann a' sin. Bha, o, ma dh'fhaoidte gu robh còignear no sianar ann, de dh'fheadhainn. Bha seann—duine cumiseach sean ann agus bean. Agus chanainn gura h-e, ma dh'fhaoidte gura h-e mac is nighean dha, agus ogha, no ma dithist de dh'oghaichean dha. Chan eil beachd agam ro mhath an-dràsd' a bh' ann, ach bha 'ad air—bha 'ad taobh an uillt a bha seo 's tha mi cinnteach gu robh 'ad a' dol a thoirt tacan ann 's dol a dhéanamh biadh dhaibh fhéin. Bha sinne greis a' seanchas riutha, 's dh'fhaighneachd a' fear a bha còmhla rium-sa a's an àm dhe 'n duine a bha seo gu dé an t-ainm a bh' orra. Agus thuirt e gur e Stiùbhartach a bh' ann. Agus ma dh'fhaighneachd an duine gu robh Gàidhlig aige, chan eil cuimhn' agam idir air a' sin. Ma dh'fhaoidte gun do dh'fhaighneachd 's ma dh'fhaoidte nach do dh'fhaighneachd. Bha e fhéin gasda gu faighneachd cuid mhór do cheistean dhe 'n duine 's tha e coltach gu robh 'ad mu 'n cuairt a's a' cheàrnaidh seo uaireigin, bhliadhnaichean air ais roimhe sin o chionn bha e 'faighneachd do, dhe 'n duine a bha còmhla rium-sa, bha a' fear sin cuibheasach sean a's an àm a bh' ann, an duine a bha còmhla rium. Agus bha, uill, bha e suas seachad—cha robh e sean, ach bha e suas seachad air leth-cheud bliadhn' a dh'aois. Bhiodh barrachd do chuimh' aige 's a bh' agam-sa. Cha robh mis' ach òg an uair sin. Cha robh mi ach mu thuairme ach fichead bliadhn' a dh' aois. Ach, bha e 'faighneachd dha 'n duine eile mu dheidhinn feadhainn shios ghoirid do Bhaile Shuidni. Agus bha cuid dhiubh sin, bha 'ad marbh. Ach bha naidheachd aig an duine air an teaghlaichean. Agus tha e coltach gu robh Stiùbhairtach mu 'n cuairt bho chionn ùine. Agus chan eil cuimhn' agam idir an do dh'fhaighneachd a' fear eile dheth a robh Gàidhlig aige. Chan eil mi 'n dùil gun do dh'fhaigheachd. Ach co-dhiubh, sin na bheil do naidheachdan agam air an fheahdhainn sin. Ach thàinig cuideachd eile glé choltach ris an droch bhuidheann a thàinig—a dh'ainmich mi o chionna fada–thàinig 'ad sin a-nuas. Agus ma dh'fhaoidte nach robh móran coire annt' ach bha 'ad shios, shios ceann an ear an eilein, ann an àite. Agus chaidh duine a mharbhadh timcheall air an àit' a bha sin, an oidhche siud. 'S tha mi cinnteach gu robh, nuair a bha 'ad ann an bùthan dhaibh fhéin, gu robh feadhainn a' dol a-staigh còmhla riù', agus ma dh'fhaoidte gu robh 'ad ag òl, agus chan fhios dé mar a thachair, ach gun deachaidh aon a mharbhadh co-dhiubh ann. Agus bho 'n àm a bha sin, cha robh 'ad air an ceadachadh a-staigh a' seo tuilleadh. Ach gun dàinig feadhainn a-nuas bho chionn cunntais bhliadhnaichean air ais. O, tha mi cinnteach gu bheil, o tha deich bliadhna fichead co-dhiubh bhuaithe, na còrr. Ma dh'fhaoidte gu bheil suas air dà fhichead bliadhna bho 'n a thàinig feadhainn a-nuas. Chan eil ach mu dheich bli—ah, dà fhichead bliadhna bhuaithe, thàinig—co-dhiubh, thàinig feadhainn a-nuas cha robh ach beagan dhiubh ann, ma dh'fhaoidte ceathrar [mun uimhir?] sin. Agus bha 'ad fhéin gu math seòlta. Bhiodh 'ad—bha 'ad shios ann am Baile Shuidni greis do dh'ùine, ach chaidh an cur air falbh. Tha e coltach gum biodh 'ad a' toirt airgead far feadhainn. Rachadh feadhainn a-staigh agus bhathar a' toirt dhiubh an airgid mar sin 's tha e coltach gun deachaidh cuideigin a-staigh uaireigin agus bha airgead aig' a bh' air a' chomharrachadh. Agus thug 'ad bhuaithe an t-airgead 's chuireadh a-staigh na maoir as an deaghaidh agus fhuaireadh an t-airgead a bha seo. Agus chaidh 'ad sin a chur ás a' bhaile agus sin na bheil do naidheachdan agam-sa air na luchd-siubhal. Ach cha chreid mi gura h-e—gum buinneadh 'ad seo dhe na ceàrdaibh idir a thaobh tha na ceàrdaibh air—cho fad' 's a gheobhainn-s' a-mach— bha 'ad cuibheasach math. Cha b' e droch shluadh a bh' annta idir, droch dhaoine a bh' annta. Bha 'ad gu math rianail a réir 's mar a bha feadhainn ag innse dhomh mu 'n deoghainn a bha eòlach orra bho chionn bhliadhaichean air n-ais. Agus sin mo naidheachds' air—a-nis, air luchd-siubhal ris an abramaid 'na gypsies'.