GF172i03 DIHAOINE BAGARRACH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Nuair a bha—chanadh iad mu dhéidhinn—nuair a bhiodh iad bruidhinn air an t-sìde: "DihAoine bagarrach, 's DiSathairne dòrtach." Ge b' e gu dé seadh, tha mi cinnteach nuair a bhiodh i 'muigh gu bagairt air droch shìd' a dhèanadh DihAoine gum biodh dùil aca gum biodh, gum biodh dìle ann DiSathairne.