GF167i01 COMHARRAIDHEAN AIR SÌDE IS AIR NITHEAN GNÀTHAICHTE Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Seadh ma tà, thug mi beagan seanchas air—air cleachdan agus tighinn beò a bh' aca, teachd an tìr, 's gach nì dhe sin. Tha mi smaointinn gun toir mi iomradh an-dràsd' air comharran a bh' aca air sìde agus air nìtheannan eile uell, chanainn a bha gnàthaichte. Cha bhuineadh 'ad dha 'n t-saoghal eile no dha 'n dorchadas no ge b' e dé a bh' ann mar a chainnte. Agus cha robh 'ad 'san àm a bha sin—cha robh móran cothruim aca air faighinn a-mach mu dheoghainn sìde. Dh' fheumadh 'ad fhéin a bhith gu math tuigseach air a' ghnothach agus dh' fheumadh 'ad a bhith beachdail 's a bhith 'ga faicinn mar a bha cùisean a' dol. Mar a tha an-diugh, gheobhadh 'ad cunntais air—air an t-sìde a h-uile latha còmhla ris na—còmhla ris na h-uirsgeulan, an seòrsa cunntais a gheobhadh 'ad orra co-dhiù. Ach an uair sin cha robh aca, sian ac' ach féillire, agus cha mhór a bh' ann a bhith 'ga leughadh, fhéillire fhéin. Bha 'ad a' deanamh glé mhath nuair a chumadh 'ad cunntais air na làitheachan dhe 'n mhìos a bh' ann. 'S e corra fhear a bhiodh a' deanamh leughadh a féillire. Agus bhiodh 'ad a' gabhail beachd air nìthean a bha dol a thachairt. Agus nuair—nuair a chìtheadh 'ad na cait a' ruith mu'n cuairt air feadh an taighe, 's 'ad uabhasach gu cleasach 's gu leum 's gu ruith mu'n cuairt, chanadh 'ad gu robh stoirm a' dol a thighinn, gu robh na cait a' t— ag iarraidh na stoirm, na 'toirt manadh na stoirm gu tighinn. Agus nuair a chìtheadh feadhainn an cat 'na chadal 's cùl a chinn fodha, sìos car—chanadh 'ad gu robh an cat 'na chadal air eanchain, cùl a chinn fodha agus gu robh droch-shìde 'dol a thighinn ás a' sin. Bha comharran eile aca nuair—nuair a chìtheadh 'ad na caoraich a-muigh air a' bhruthach agus na caoraich a' dèanamh air a dhol gu an t-sabhal, dhol a-staidh dha 'n taigh aca fhéin, dha 'm bàthach fhéin an àite fasgadh fhéin, chanadh 'ad gu robh droch-shìde orra. Ach cha robh e gu móran diofair gu dé coltas a bhiodh air sìde, ma bha na caoraich a' fuireach a-muigh air a' chnoc 's ad cho—coimhead toilichte gu leòr fuireach a-muigh, chanadh 'ad chan eil droch-shìde idir orra. Tha na caoraich a-muigh, 'fuireach a-muigh. Ach nuair a chìtheadh 'ad na caoraich a' sabaid, falbh té a-null, ruith a-null 's a' toirt buaillean air té eile 'sa bhàthais 's 'ad—feadhainn ac' a' dol ris an obair sin, 's e stoirm a bhiodh orra as an àm, no do—sìde bha—atharrachadh sìd' a bhiodh orra nuair a chìtheadh 'ad 'ad ris a' seo. Agus nuair a bhiodh—chìtheadh 'ad na cearcan a' ruith anns an fhasgadh a' dol fo [sgroth?] do choireigin, rachadh 'ad fo [sgroth ?] air choireigin ged a b' e am bara-rotha a bhiodh a-muigh nuair a thigeadh frasag uiste, chanadh 'ad nach robh cus—nach robh e dol a dhèanamh a bheag de shileagan idir, gum biodh e—nuair a bha na cearcan a' ruith a-staigh fo 'n fhasgadh a bha seo. Ach na fuirgheadh na cearcan a-muigh an déoghaidh a bhith greis a' sileadh an uiste, chanadh 'ad nach eil i faisg air a bhith réidh dha 'n droch-shìde fhathast, nam biodh, nach biodh a' chearc a-muigh 'ga [comhachadh ?] fhéin ach nuair a bhiodh a' chearc a-muigh air feadh na machair 's i 'piocadh 's an droch-shìd' ann, gu robh tuilleadh ri tighinn. Agus sin an uair a chanadh 'ad gu robh an t-uisge mór a' dol a—sileadh mór a' dol a thighinn. Nuair a chluinneadh 'ad na h-eóin, mar a bheireadh 'ad fhéin, 'na h-eóin liatha' ri ceilearadh, nuair a bha 'ad sin ag éigheach, 's e comharra—comharra 'n uisge bha sin aca co-dhiù. Agus chanadh 'ad an oichdhe bhiodh na rionnagan, air leotha fhéin, tuilleadh 'is pailt gu h-àrd, gu robh droch-shìde faisg air làimh, gu robh móran de rionnagan ann. Agus an oidhche a bhiodh na rionnagan glé mhùgach, gann, chanadh 'ad nach [robhar?] ach deagh-shìde, gu robh na rionnagan gann. 'S minig a chanadh 'ad dar a biodh an coileach a' gairm, dheanadh e móran de ghairm ré a' latha, gu robh an coileach ag éigheach air an tuireadh. Agus b' e sin cuid dhe na -na comharran a bhiodh aca air an t-sìde. Agus bha e 'na chomharra aig feadhainn nuair a chìtheadh 'ad fithich mhór' a' sgiathadh seachad agus chluinneadh 'ad a' fithich mhór ri cheilearadh, ag éigheach agus chìtheadh 'ad i 'dol seachad agus chumadh i a-nuas car ealamh, agus leigeadh i seòrsa de ròic bheag aiste. Agus nuair a chluinneadh 'ad a' chailleach oidhche comhartaich air an oidhche, nuair a chluinneadh 'ad ise comhartaich, mar a bheireadh 'ad, a' comhachag no a' chailleach oidhche, nuair a chluinneadh 'ad i sin 'n dùdach, a' [caith/ceith/cé? ], a's an oidhche, chanadh 'ad gu robh—coltas gu robh—faodadh droch-shìd' a bhith ann. Agus nuair a bhiodh na coin a' deanamh cuid mhór de chomhartaich a-mach agus gun móran adhbhar ac' air a bhith comhartaich, agus nuair a chluinnte mac-talla nan con as a' choillidh, nuair a chluinnt' ás na fàsaich agus as a' choillidh fuaim mac-talla comhartaich nan con, chanadh 'ad gu robh fìor dhroch-shìde orra agus nam b' e 'sa gheamhradh a bhiodh ann, chanadh 'ad gu robh fìor stoirm shneachd orra, nuair a chluinneadh 'ad comhartaich nan con cho—a's a—thilleadh air an dòigh sin, le mac-talla. Agus b' e sin an comharra a bh' aca, comharran a bhiodh ac' air an t-sìde. Agus airson comharran eil' a bhiodh aca, nuair a thigeadh an coileach agus a' gairmeadh e air a' starsaich, chanadh 'ad gur a h-e coigreach a bha 'dol a dh' ionnsaigh an taighe. Agus—no ma dh' fhaoidte gur a h-e litir a bhathar a' dol a dh' fhaighinn ach bu tric nuair a thàinig e dh' ionnsaigh an doraist 's a gairm e, gu h-àraid ma gairm e trì turais aig a' starsaich, 's e—'s e litir a bha 'dol a thighinn, ach mur d' rinn e ach tighinn 's gairm aon uair, ma—bu tric gur a h-e manadh a bh' ann gu robh coigreach a' dol a thighinn dh' ionnsaigh an taighe. Ach cha b' e—cha b' e droch naidheachd a bhiodh ann idir. Agus sin agaibh cuid dhe na bha 'ad a' géilleachdainn dhe ann an comharran, 's tha mi cinnteach, nan cuimhnichinn orr' uile, gu robh tuilleadh ann, ach 's dòcha gun gabh mi leis a' sin fhéin aig an àm seo.