GF163i02 MAR A FHUAIR EÓGHANN BÀN A BHEAN Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Tha sgeulachd bheag agam aig an àm seo a chuala mi aig Seumas Mac a' Ghobha'. Bha e 'ga leughadh a-staigh againn fhìn air chéilidh. Agus 's e 'n naidheachd, "Mar a Fhuair Eòghann Bàn a Bhean". Tha e coltach, a-réir na naidheachd gu robh fear ris an abradh 'ad Eòghann Bàn a' còmhnaidh ann an ceàrna, 's dòcha gur ann an ceàrna de dh' Albainn a bha e co-dhiù. Agus cha robh e buileach cho seòlta, ma dh' fhaoidte, ri iomadh aon bhite 'tarraing—bhite 'faighinn air thoiseach air 'is deanamh—a' deanamh chleasan air no fealla-dhà air co-dhiù agus bha e deanamh—is bhiodh e a' falbh a choimhead air nighean. Agus bha mór-spéis aige dha 'n nighean a bha seo ach tha e coltach gu robh an nighean car—nach robh mó—móran aice m' a dheidhinn, tha mi cinnteach gur ann a thaobh e bhith car baoth na [dhòigheanan?]. Agus bhiodh e 'sìor dol ann a choimhead oirre. Ach latha dhe—turas dhe na bha e ann, thuirt e rithe, "Nist", ars' esan, "ged nach do gheall thu mo phòsadh, cha do dhiùlt thu riamh mi. Agus," [ars'] esan, "Tha mi cur na ceist ort a niste. Am pòsadh tu mi?" O bha i seo, tha mi cinnteach gu robh i fhéin car suas ri dibhearsan agus gnothaichean 's thuirt i ris gum pòsadh is' e nuair a dh' fhàsadh feusag air. Agus, o bha e riaraichte gu leòr ás a' sin. Ach co-dhiù, dé a-niste mar a—cho luatha—dé gheobhadh—dheanadh e 'son toirt air feusag fàs air ealamh. Agus chaidh e gu toirmeasg de dhuin' a bh' ann a' sin, tàillear no greusaiche. Tha mi smaointinn gur e—gur e tàillear a bh' ann. Agus bha e, o bha e fhéin [olc?]; dheanadh e rudan a bhiodh car [cuitheatach/cunnartach?] gu leòr aig amannan. Agus nuair a dh' innse e dha mar a bha chùis, o thuirt am fear seo ris gum b' fheàrr dha sguir de pàirt dhe 'n obair a bh' aige . "Tha thu dèanamh móran de nighe air d' aodann," ars' esan. "Leig le d' aodann beagan a bharrachd de dh' ùine gun nighe. Agus suath cuid mhath de t-siabann sin ri d' aodann. Nuair a bhios thu 'gad nighe," ars' esan, "gabhaidh tu siabann làidir." Dh' inns' e dha seòrs' agus, "Cha dean thu ach glé bheag de nighe air d' aodann ach suathaidh tu chuid mhath dhe 'n t-siabann sin ri d' aodann." Tha mi cinnteach gu robh Eòghann a' dèanamh sin. 'S dòcha gu robh siabann a bh' ann a' losgadh a' chraiceann air aodann agus thug a mhàthair an aire mar a bha gnothaichean a' dol 's dh' fhoighneachd i dha dé a bha dol air 'n aghaidh, agus o, dh' innis e dhi co-dhiù. Ach cha cheileadh e cus oirrese; bha móran meas aige oirre. Agus o thug i ruith air, e bhith cho gòrach 's gu robh e 'toirt feart air a' leithid sin idir. Agus thuirt i ris nach biodh gnothach aige ri, ri—nach bu chòir gnothach a bhith aige ri aon a dheanadh a' leithid sin air, co-dhiù. Agus nach bu chòir dha bhith air feart a thiort air an duine eile a bha 'g innse dha. Is neo-ar-thaing nach do dh' éisd e rithese gu foighidinneach. Agus co-dhiù bha— bha fear a' còmhnaidh anns an àit' ann a' sin, 's bha triùir nighean aige agus Eòghann Bàn a' dol a choimhead. Bha e airson té dha nighean[an] seo fhaighinn ri pòsadh, feuch a' faigheadh e i ri pòsadh. Agus bhiodh e a' dol gu mah tric dh' ionnsaigh an taighe. Ach co-dhiù bha fear eile a' suirighe air—air an té seo as an àm, agus bha i fhéin, tha mi cinnteach, bha i car suas ri, ma dh' fhaoidte, ri [cuitheadach?] 'is cleasan, is bha a h-athair 's a màthair air falbh, bha a h-athair aig a' mhuileann ag iarraidh min a bh' aige, gràn a bh' aige 'ga bhleith agus bha a màthair aig a' bhùth deanamh, deanamh ceannachd. Agus bha feasgar anmoch [a bh' ann ?] agus chunnacas a' fear a bhiodh 'tighinn a shuirghe air an té seo a' tighinn, agus bha ciste mhór ann an taobh an t-seòmbair agus i falamh. 'S thiurt i ri Eòghann Bàn esan a dhol am broinn na cisteadh, agus gu robh am fear seo tighinn a-nuas dh' ionnsaigh na taighe agus cha robh i airson e 'ga fhaicinn aig an tigh, ma 's fhìor. Agus chaidh a chur dha 'n chiste 's chuireadh bioran beag tiugh fo bhòrd uachdar na cisteadh agus o leigeadh sin an àile 'mach 's a-staigh agus bhiodh—gheobhadh e anail gu—furasda gu leòr. Chaidh ise a-mach. Choinnich i fear eil' a-muigh 's dh' innis i dha gu robh Eòghann a-staigh, agus thill i 'staigh a' sin, 's an ceann tacain thàinig esan a-staigh 's cha do leig e air sian gu robh fhios aige gu robh Eòghann a-staigh. Dh' fhoighneachd e dhi cuin a bha Eòghann a-bhos a' suirghe oirre. 'S o thuirt i gu robh Eòghann a-bhos air chéilidh ach chan eil Eòghann, ars' ise, tighinn—ach a' tighinn a' seo air chéilidh airson cuideachd, mar a tha thu fhéin. Agus o thuirt e rithe gura h—nach ann, gur ann a bha Eòghann tighinn air shuirghe oirre agus, "Gu dearbh," ars' esan, " 's ann bu chòir dhut a phòsadh," ars' esan. "Cha bhiodh—cha bhiodh idir gu call dhut a phòsadh," agus chaog e 'n t-sùil 's chuir e 'mach a theang' aig an àm 's bha Eòghann air fhiaradh 's e 'coimhead a-mach air sgaradh mullach na cisteadh agus chunnaic e e. 'S bha fios aig' an uair sin air barrachd 's na bha fios aige nuair a chaidh e 'sa chistidh. Ach co-dhiù bha 'ad a' seanchas a-staigh 's cha robh duine leigeadh air gu robh fios aca mu dheidhinn Eòghainn. Ach chualas fuaim a' seo agus bha fear an taigh' 'is a bhean air tighinn dhachaigh agus bha pocanan do mhin aca agus gnothaichean a fhuair iad as a' bhùth. Chaidh na gnothaichean a bha sin a ghiùlan a-staigh. Chaidh am fear seo a bha suirgh' air—air an nighean a-mach a thoirt cuideachadh dha 'n—do dh' fhear an taighe airson nam pocannan mineadh a thoirt a-staigh. Agus nuair thàinig 'ad a-staigh leotha, cha d' rinn iad ach an cur air uachdar na ciste. Agus b' fhurasda dhaibh an cur air falbh a-muigh air saod ri àm eile. Tha mi cinnteach gu robh an t-acras a' tighinn orra 's rud—aca ri rud ithe. Agus a's an àm thug esan am bioran a bha fo chòmhdadh na ciste ás. Leid e leis a' chiste dùnadh. Tha mi cinnteach gu robh a' chiste gu math teann. Agus an ceann greiseag chual' 'ad fuaim mar ròmhan no srann ás a' chistidh, agus leum fear an taighe 's thug e na pocannan far uachdar na cist' agus dh' fhosgail e i 's bha Eòghann Bàn ann a' sin. O chaidh fhaighneachd dha gu dé a chuir esan ann, 's b' fheudar dha innse mar a thachair. Agus b' fheudar dha 'n nighean innse mar a rinn i agus b' fheudar dha 'n—dha 'n fhear a bha 'suirgh' oirre 'n gnothach innse, a h-uile sian inns' uile gu léir. Agus bha an seann fhear uabhasach duilich gun d' rinneadh a' leithid do chleas air Eòghann. Thuirt e ris, ars' esan, "Chan e," ars' esan, "mac d' athar a bu toil leam an cleas seo a dheanamh air. Agus chan e do mhàthair, dad a's lugha orm. Ach," ars' esan, uh air—"bho 'n a thàna' tu air an turas a bha thu tighinn," ars' esan," air an turas agus an gnothach a bha 'nad bheachd a th' ann. 'S ann," ars' esan, "A gheobh sinn a-mach am pòs té dha na h-igheanan thu. An gabha té dha na h-igheanan thu ri d' phòsadh." Agus dh' fhaighneachd e dhe 'n té a b' aosda dhe na h-igheanan an gabhadh ise Eòghann Bàn. Thuirt i nach gabhadh, gu robh eagal oirre a-nist ged a phòsadh i Eòghann Bàn, air tàilleabh an droch chleas a rinneadh air, gum biodh eagal oirre gum biodh làthaichean dhe saoghal nach biodh glé thoilichte agus nach biodh e neònach. Co-dhiù, bha sin math gu leòr leis a—fear an taighe. Dh' èibh e sin air an darna té dha na h-ighneanan agus dh' fhaighneachd e dhi sin an gabhadh ise Eòghann Bàn, am pòsadh i Eòghann Bàn. 'S thuirt i gu dearbh nach pòsadh. Nam pòsadh ise duine, gur a h-e duin' a bha uileadh ann, nach robh duine leth-ghlic a dhìth oirres' idir. Bha i cho stràiceil. Ach co-dhiù dh' éibh e air an té a b' òige dha na h-igheanan agus dh' fhaighneachd e dhith, "Am pòs[adh?] tusa," ars' esan, "Eòghann Bàn? Am pòsadh tu Eòghann?" "Phòsadh," ars' ise. "Tha sibh," ars' ise, "ma tha sibh ag ràdh gu bheil [car?] dha dhith-san, tha sibh uile gu léir ag ràdh 'g 'eil [car ?] a bharrachd unnamsa le seòltachd, agus [feumaidh sin/dhe mar sin?]," ars' ise, " 's dòcha gun déan sinn suas eadarainn, agus tha mise deònach gu leòr air a phòsadh." Agus chaidh na cùmhntan 's gach [sian/gnìomh?] a chur air n-aghaidh an uair sin. Agus sin agaibh mar a thuirt Mac a' Ghobha-s' e. Cuir crìoch air an naidheachd sin agaibh. Mar a fhuair Eòghann Bàn a bhean.