GF158i12 MÌCHEAL MAC 'ILLEAN AIR FAIRE Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil [Joe Neil MacNeil:] Bha Mìcheal Mac'Ill'Eathain, Mìcheal Iain Chaluim Òig 'ic Aonghais Lachainn Mhóir, bha e, bha e math gu òrain 's gu sgeulachdan mar a d' thuirt 'ad, nuair a bhiodh feadhainn a' bruidhinn air Mìcheal Mac'Ill'Eathain an deoghaidh a bhàis, chanadh 'ad, "Nach b' e e fhéin fear na cuideachd." Agus b' e sin esan, fear na cuideachd. Bha—nam biodh òran a bhiodh freagarrach bha 'ad aige 's nam biodh naidheachdan beag' agus gnothaichean mar sin a chur seachad na h-ùine. Ach co-dhiù, chaidh e oidhche gu taigh-faire agus bha na h-aoighean cuideachd—ann am measg cuideachd, ma dh'fhaoidte gu robh cóignear no sianar no còrr mu chuairt air a's an àm 's bha e an deoghaidh tòiseachadh air inns'—seanchas. Agus co-dhiù bhiodh naidheachdan beag' aige no—no naidheachdan mór', bu choingeis. Bha esan cho math co-dhiù airson cuir seachad ùine dhaibh. Agus thàinig fear a-staigh agus chaidh e sìos far a' robh a' chiste no an giùlan na ma bha air, air na bùird mar a bheireamaid. Agus thàinig e sin a-nuas far robh 'ad 'na—'nan suidhe a's an t-seòmbar a bha seo. Agus 's e fear dha 'n an fheadhainn a bhiodh dròbhaireachd 's a' réic, ceannach 's a réic, a bh' annsan. Agus thàinig e a-nuas 's bha e—bha a dhà no trì do fheadhainn eile a-staigh a bhiodh ris a' chiùird cheunda. Cha robh 'ad a' bruidhinn—coimhead air—coimhead air na ciùirdean 'san àm a bha 'ad ag éisdeachd ri Mìcheal. Agus thàinig e—leig esan e fhéin sìos 'na shuidh' air seathair. Agus tha mi cinnteach gu robh Mìcheal car a's an àm ann a' mìle shòlais ag innse naidheachd air choireigin. Ach dìreach rinn e stad beag fhad 's a—gus an shuidh a' fear eile 's cha robh a' fear eile ach air suidhe sìos nuair a thuirt e, leig e osna 's thuirt e gun do thuit na h-uighean. Bha seo a' ciallachadh gun d' thàinig 'ad a-nuas ann am prìs. [John Shaw:] Ó seadh. [JNMN:] Agus thuirt esan, "Nach do thuit na h-uighean?" ars' esan. Is fhreagair Mìcheal Mac'Ill'Eathain, "'S an deachaidh gin dhiubh a bhristeadh?"