GF158i04 GU DÉ UIDHIR 'S A THOILLEADH 'NAD BHEUL? Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Seadh. Bha latha eile, biodh cuid de dhaoine tadhail ann—bha an taigh ac' an taice ris a' rathad agus an taice ris a' chladach, bha an t-àit' a's an robh 'ad a' fuireach. 'S bhiodh na—bha i—an duin' aice agus an gille, bha 'ad gàbhaidh math gu iasgach. Bhiodh ásan—bhiodh trosg aca gu math tric. Gheibheadh 'ad trosg ùr, mar a bheireadh 'ad, agus thadhail am fear a bha seo aig an taigh a' latha a' seo agus bha i a' tighinn glé fhaisg air àm na dìnnearrach. Agus thàinig e 'nuas dh' ionnsaigh an doraist. Tha mi cinnteach gu robh an t-each aige shuas aig taobh a' rathaid a—bha e toirt dha coirc' airson 's—bhiodh e—ghabhadh an t-each fois, bha astar ri dhol a Shudnaidh ás a' sin. "An dà", ars' esan, "a' bhean, b' fheàrr leam gun tugadh sibh dhomh làn mo bheòil dhe 'n trosg ùr sin a tha sibh a' bruich." "A," ars' is', "a' laochain, tha mi cinnteach gu bheil sin car duilich dhomh. Chan eil fhios agamsa gu dé uidhir 's a thoilleadh 'nad bheul!"