GF158i02 A' BEARRADH CINN Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Chaidh e turas sios gu—dh'ionnsaidh a' Phòn Mhóir airson gruag fhaighinn air a bearradh. Bha fear shios ann a' sin, fear Mìcheal MacÌosaig, bha e fhéin gasda agus bha e math gu gearradh gruaige. Agus nuair a chaidh Iain 'na shuidhe a's a' chathair 's bha a' fear eile 'dol a chur sgòd mu ghuailean airson 's nach rachadh a ghruag air a chuid aodaich. Chuir e 'làmh suas 's thuirt e, 's e 'cur a làmh air a cheann, "'S e," ars' esan, "móran dragh a tha ann do dhuine ceann a bhith air," ars' esan. "Bhiodh cus na bu lugh' do dhragh air nam biodh e ás aonais!"