GF157i06 SGIAMHAN MHUCAN Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil [Fhear?] sònraichte shìos a' cheàrn' ud a bha gàbhaidh gu foighneachd. Agus nan tachradh tu—tu ris 'na e riut-s' agus thu dol a dh'àite, dh'fheumadh e dh'fhoighneachd cà robh thu dol is dé bha thu dol a dhèanamh, is o, bha e gàbhaidh gu ceasnachadh. Ach co-dhiù cha—nuair a bha Aonghas a' fuireach a-bhos aig a' Phòn Mhór, chaidh e sìos latha a dh'ionnsaigh na ceàrdaich a bha aige shìos aig a'—shìos aig an—an t-seann t-suidheachadh aig Caolas Naomh Anndrais. Agus bha e shìos mu chuairt ann a' sin, is bha pìos de dh'fhearann aige shìos an a' sin co-dhiù agus nuair a bha e [greis/réidh 's e?] a' coimhead mu'n cuairt 's nan àiteachan sin, chruinnich e pìosan de dh'iarrainn is rudan a bha 'sa che—'san t-seann-cheàrdaich is chuir e ann am pòc' 'ad is chuir e sin air a mhuin. Ach chan fhac' an duine seo idir e nuair a bha e dol sìos anns a' mhadainn, ach chunnaic e nuair a bha e tilleadh uair-eigin 'sa leth-fheasgar is pòca beag air a mhuin a' seo. Agus o, chaidh a' fear seo sheanchas ris 'sa mhionaid a chunnaic—thàinig e faisg air. Agus, "Càit a' robh thu?" Creid gur e—b' e—gu robh sin a' cheist air a chur air 's còmhla ri ceist no dhà eile 's tha mi cinnteach gu robh e suas ris a' ghnothach. Cha robh móran ùidh' aige bhith freagairt cheistean co-dhiù, rudan air nach biodh gnothach aig càch a-rìs. Agus dh'fhoighneachd a' fear eile dha ma dheireadh, "Dé a-nist," ars' esan, "A th' agad 'sa phòca sin air do mhuin?" "An dà, tha," ars' esan, "Sgiamhan mhucan."