GF156i09 A' TOIRT A' MHAIRT A-STAIGH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil [Joe Neil MacNeil:] Bha fear a bha pòsd' aig an nighinn. 'S ann a-nuas ás na Staitean Aonaicht' a thàinig e. Bha e fuireach shìos greis de dh'ùine is bha e ri marsantachd agus bha—bha carbad mór aige a bheireadh e le co-dhiù. Chuireadh e còrr is tunn' innt', ma dh'fhaoidte tunna gu leth. Agus bhiodh e tarraing a-mach biadh spréidh is a' leithid sin gu muinntir na dùthcha, muinntir an àite mar a bhiodh—mar bu tric ma dh'fhaoidte gum biodh feur gu leòr aca, cha bhiodh—bhiodh gràin 's a' leithid an a' sin aca. Agus a-null deireadh an earraich bhiodh bacail air a chur air a' rathad. Cha robh ri thoirt—ri tharraing ach lòd aotrom. Cha bhiodh—cha bhiodh inneal cho mór 's a bh' aig an duine seo ri ruith ach [falamh aige a' char?] a b' fheàrr mar bha e trom aige sin fhéin, bha na rathaidean cho dona. [John Shaw:] Bha. [JNMN:] Agus thachair na maoir riu 's 'ad a' tighinn a-mach ás a' bhaile is lòd aca air an inneal agus throid e riu air a shon 's e bhruidhinn e riu mu dhéidhinn a thuirt a' fear leis bu leis an uidheam gu robh—na biodh daoine gann de bhiadh spréidh a-mach 's gu robh esan a' tarraing a-mach agus gu robh iomchadh gu leòr is—"Oh," thuirt am maor ris gun e—thuirt—dhèanadh an còrr tuilleis gus an togadh 'ad far a' rathaid a' chìs a bh' air airson 's nach biodh [d' lòd?] throm air a dhol air. Agus co-dhiù air làrna-mhàireach thuirt Dòmhnall ri a chliamhain, "Thiugainn thu a-staigh," ars' esan, "Dha 'n bhaile. Bheireamaid a-staigh am mart." Bha [?] esan a' fuireach riu—bhiodh 'ad a' fuireach a-staigh 'sa bhaile ach cha robh 'ad—gum biodh e tighinn a-mach cho tric is tha stàball beag aige. Cheannaich e mart bho chuideigin air an dùthaich is bha 'ad 'ga thoirt leis a-staigh. Oh cha robh a' fear eile airson falbh idir on a chaidh am bacail dèanamh air nuair a dh'fhalbh an inneal trom air a' rathad. Ach oh dh'fheumadh e falbh. Co-dhiù nuair a bha 'ad sìos faisg air Baile Shudnaidh thachair am maor riu. Thachair e riu latha roimhe sin agus chuir e stad orra is dh'fhaighnich e, "Oh," ars' esan, "Nach do shaoil mi gun do dh'iarr mi oirbh an-dé fuireach," ars' esan, "Far a' rathaid?" "An dà," ars' esan, Dòmhnall Mac Ìosaig, "Tha beachd agam," ars' esan, "Air a' sin, gun do dh'iarr thu sin oirnn. Agus bho 'n nach b' urrainn dhomhsa rud a thoirt a-mach dh'ionnsaigh a' mhairt de bhiadh, tha mi dol a thoirt a' mhart a-staigh a Shudnaidh 'ga biadhadh."