GF156i07 CLANN 'ILLEASBUIG MHÓIR 'IC ÌOSAIG: DROCH-CHLEAS DHÉ Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil [Joe Neil MacNeil:] [ ? ] mar a thuirt 'ad Clann Ìosaig. Clann 'Illeasbuig Mhóir 'Ic Ìosaig. Bha Dòmhnall 'is Aonghas 'is Iain agus Alasdair. Bha sin—bha barrachd air a' sin de ghillean ann ach siud an fheadhainn air an d' fhuair mise eòlas. Agus sin an fheadhainn bu mhór cunntais orra de—de bhith amasach air faclan. Ged a bha seachdnar ghillean 'san teaghlach 's e an ceathrar ud a tha coltach a bu deise air briathran dhiubh uile. Agus tha mi cinnteach gun tòisich mi air Dòmhnall Mac Ìosaig fhéin, Dòmhnall 'Illeasbuig Mhóir. Bha e uabhasach éibhinn; chanadh e rudan agus neo-ar-thaing a bhith deiseil air—air freagairtean. Agus chaidh feadhainn de ghillean air chéilidh air madainn an deoghaidh uabhas de shneachd a shileadh agus stoirm a bhith ann 's bha sneachd air a [ ? ] suas air feadh nam pàirceanan. Agus bha an tobar a bh' aigesan air àite còmhnard ìseal 's nuair a chaidh e 'mach, bha e dol a dhèanamh ti dha na gillean a thàinig air chéilidh. Chaidh e 'mach airson uisge [ ? ] air an tobar 's bha an tobar air a chòmhdadh fairis le sneachd uile gu léir agus tha mi cinnteach gun do—b' fheudar dha cuid mhór de dh' obair a dhèanamh mu 'n d' fhuair e dh' ionnsaigh an tobair 's nuair a thill e a-staigh, thuirt e gun d' rinn Dia droch-chleas air fhéin a-raoir. " 'S gu dé tha sin?" ars' esan, fear [ air ? ] dhiubh, "Dé thachair riubh a Dhòmhnaill?" "Chuir e falach an tobair orm!"