GF156i03 CUIFEAN AN TAOBH BRÒIGE Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha latha eile aig taigh 's bha—bha paidhir de bhrògan ùr' air, brògan cuimseach àrd. Bha na h-uachdarach aca cho cruaidh, bha e—agus ghearain e gu robh bhròg a' goirteachadh taobh a' chois' aige aig an adhbrann. Is dh'fhoighneachd am boireannach a bha seo dheth dé bha e smaointinn a dhèanadh cuideachadh is thuirt e gun dèanadh pìos de phàipear gum biodh e—gun dèanadh e pìos de phàipear air a phasgadh suas agus a dhèanamh dheth a chuireadh e ann an taobh, cuifean a dhèanadh e—a chuireadh e ann an taobh na bròigeadh. Thugadh dha am pìos de phàipear. Thug fear an taigh' a-nall duilleag mhór de phàipear-naidheachd 's thugadh sin dha 's phaisg e suas e gus a rinn e cuifean beag laghach oirre. Chuir e ann an taobh na bròige sìos agus cheangail e bhròg air gu—air a shocair gu daingeann agus dh'fhoighneachd guth bean an taighe a bha sin dheth, "Bheil thu smaointinn," ars' ise, "Gun dèan sin feum dha d' chois?" "Oh chan eil fhios 'am," ars' esan, "Ach mura h-e dèan an còrr feum dhi, dòcha gum bi an naidheachd aice co-dhiù."