GF155i08 TODHAR MHUC AGUS GHOBHAR Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Turas a bha ceàrna shìos timchioll air na meinn—ás na meinnean an àit-eigin far an robh cuideachd a' fuireach agus bhiodh—bha coltach gum biodh 'ad a' togail mhucan 's bha gobhair aca. 'S bha an t-àite car ropach mu'n cuairt, fhios, àite a bha na mucan a' siubhal mu'n cuairt air fheadh 's iad a-muigh 's mu'n cuairt. Bhiodh na gobhair aca thall air teadhair, tha mi cinnteach. 'S dh'fhoighneach cuideigin dha—do Mhìcheal gu dé seòrs' àit' a bha seo. Thuirt e gur e àite doirbh bh' ann. Is "Dé", ars' esan, "a th' ann 'ga fhàgail cho doirbh sin?" "Tha," ars' esan, "Todhar mhuc agus ghobhair."