GF155i07 UIGHEAN AGUS MUICFHEOIL AGUS DEAGH BHEAN Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha latha eile bha fear òg ann a bhiodh e tarraing á feadhainn an seòrs' ud co-dhiù 's e glé thric a' tarraing á Mhìcheal 'son [?] gu dé bhiodh e air a chantail. Agus dh'fhoighneach e do Mhìcheal a' latha seo an innseadh e dha dé tha 'ga fhàgail cho reamhar. "Innsibh dhomh a Mhìcheal, dé tha 'gad fhàgail cho reamhar." "Tha," ars' esan, "Uighean is muc-feòil agus deagh bhean!"