GF155i06 AN CRODH AIR SEACHRAN Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha turas eile, mar a thuirt mi bha Beurla mhath aige, cuimseach math agus bha e cho amaiseach agus gu dé rinn e an crodh ach a dhol air seachran. Chaidh 'ad—fhuair 'ad a-mach ás an innis. Bha crodh aige shuas air a' bheinn 'sa choillidh 's bha callaid mu'n cuairt a tha coltach gu robh àite lag air choireigin ann far an d' fhuair a crodh a-mach. Agus cha robh 'ad ri faotainn 's bha e cho duilich dhasan falbh a shiubhail air an son co-dhiù agus tha e cripleachta. Chaidh fear òg a bh' anns an nàbachd a-mach a shealgaireachd tha mu deireadh an fhoghair 's ann na bh' ann agus nach chaidh e mach air turas co-dhiù an taobh 'us fhuair e 'n crodh. Bha 'ad a-muigh pìos de dh'astar agus shaodaich e 'staigh 'ad dh'ionnsaigh a' rathaid mhóir goirid air an àite aca fhéin agus bha aca ri tighinn a-nuas a' rathad le—leis a' chrodh. Agus chitheadh esan 'ad dur a bha 'ad sìos, oh glé fhaisg air cairteal a mhìl' air falbh bho 'n àit' aige fhéin. Chitheadhe far an robh lùbadh 'sa rathad a-nuas. Chunnaic e 'n crodh a' tighinn 's dh'aithnich e an crodh aige fhéin. 'S dh'falbh e suas dh'ionnsaigh a' rathaid mhóir agus bha buaile shuas an taice ris a' rathad far am biodh 'ad a' cur a' chruidh ré na h-oidhche nuair a bhiodh 'ad airson an crodh a bhith aca deiseil 'sa mhadainn, airson am bleoghainn. Agus bha—bha cachaileith fosgailte aige ann an sin nuair a thàinig am fear òg leis a' chrodh. 'S sheas e fhéin aig a' rathad 's shaodaich 'ad 's chaidh 'ad a-staigh ann a' bhuaile a bha seo. Agus nuair a chaidh 'ad suas dh'ionnsaigh na buaile 's a dhùin e an geata mar gum biodh 'ad a' faighinn cìs a chur orra. Thionndaidh e nuair a chuir e maide anns a'—anns a' chachaileith 's dhùin e suas gu daingeann 's thionndaidh e 'n uair sin mu'n cuairt 's thuirt e, "Twenty days in the pen!"