GF155i05 AN DOTAIR-FIACAIL Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha àm ann a bhiodh [?] cuimhn' agam a bha 'na chleachdadh aig dotair fhiacaill, tighinn a-mach air a h-uile feasgar Diciadain agus bha 'ad—bha 'ad a' cruinneachadh aig taigh sònraichte agus bhiodh greis de dh'ùine dhe 'n fheasgar aige sin airson feadhainn a dhol ann a bha dona leis an deideadh, droch fhiaclan aca, airson nam fiaclan fhaighinn air an tarraing. Agus bha sinn ag obair aig taigh shìos—aig àite, aig sabhal. 'Sann a bha sinn ag obair ach bha sinn aig taigh aig' a' gabhail ar suipear null toiseach a' gheamhraidh 'n àm a bha muillean buailidh ac' aig an àit' a bha seo. An deoghaidh dhuinn an suipear a ghabhail thòisich an té seo, bean an taighe a' faighneachd ma dheoghainn nuair a bha 'ad a' dol sìos dh' ionnsaigh an dotair fiacail. Nist bha cuid mhór de Bheurla—bha Beurla mhath aig Mìcheal Dòmhnallach, bha cuid—bha cuid mhath aige de Bheurla. Dheanadh e beagan leughaidh. Agus [?] thuirt—thuirt [?] obraichean air sléighe. Bha cuid ag obair dha—dh' ionnsaigh ceàrdaich 's a chuir e dha 'n ghobha [?] gnothaichean air sléigh. Thàinig 'ad gu robh an t-sléigh' air a' "mountadh". 'S e seo a' Bheurla a bha 'ad a' cur air an—air an—air an obair a bha seo. Agus dh' fhaighneachd am boireannach dheth cò mheud fiacaill a fhuair e air an tarraing 's thuirt e gun d' fhuair e trì air an tarraing. Agus dh' fhaighneachd i cò mheud a fhuair bean Mhìcheil 's a [?] air an tarraing. Agus thuirt e gu robh e smaointinn gun d' fhuair i còig air an tarraing, ceithir a bha nist, fiacaill aic' a bha ùr dha 'n t-saoghal. Bha e air a còmh—bha e air rud a chur orra aig dotair fiacaill roimhe. Bha pluc de dh' òr air a chur orra. Fhuair 'ad còmhdadh de dh' òr air a chur orra. Fhuair e an uair ach bha a' chuid eile do 'n fhiaclan air fàs cho dona, cho crìon 's gum feumt' an tarraing agus thuirt e gun d' fhuair i còig air an tarraing. Ceithir dhe 'n fheadhainn phlèin agus té a bh' air a "mountadh."