GF154i25 DIARMAD AGUS AM FIODH Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil [Joe Neil MacNeil:] Bha turas eile ghearr e fiodh airson a chur dha na muinntir na bhios a' dèanamh an stuth airson a' phàipeir, mar a bheir iad anns a' Bheurla, am pulp wood. 'S bha—bha am fiodh ri rùsgadh. Ach tha e coltach an t-àm dhe 'n bhliadhna gheàrr e fiodh nach d' rinn e ach fior-droch obair air a rùsgadh. Bha cuid mhór dhe 'n [choltas?] bha e air tionndadh cho dorch 's cha bhiodh e coimhead car—car dona gun teagamh 's thàinig fear eile a-nuas a dh'faicinn an fhiodh a bh' aige geàirrte. Tha mi cinnteach nach robh ann a' thorr air taobh a' rathaid. Bha 'ad a' [thorradh?] air sreath air a dhèanadh e taobh a' rathaid. 'S cinnteach gu robh a' fear seo, ma dh' fhaoidte tarraing ás. Agus thuirt e ris nach robh a' fiodh a bh' aige math idir. "O," thuirt e gu robh. "Bhiodh e math gu leòr." "O chan eil," ars' esan, "coimhead fhéin cho dubh gran 's a tha e." "Gu dé," ars' esan, "an seòrsa pàipear a tha thu fhéin a' smaointinn a ghabhadh dèanamh leis a' leithid sin de fhiodh?" "A coma leat", arsa Diarmaid, "tha e taghta. Rachadh ac' air pàipear teàrradh a dhèanadh leis."