GF154i17 GED A B' ANN A THAOMADH NA FAIRGEADH A CHUIRINN IAD... Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha feadhainn ann a bhiodh a' bruidhinn air clann a bha èasgaidh 's a bha math gu obair. Agus bhiodh 'ad 'gam moladh. Agus chanadh 'ad leotha: "Ged a b' ann a thaomadh na fairegeadh a chuirinn 'ad, bhiodh 'ad deònach gu leòr a dhol ann."