GF153i23 SIUD AN RUD A THOGADH FONN Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil [Joe Neil MacNeil:] Siud a' rud a thogadh fonn, Tòrradh an tàilleir bhuidhe, Siud a' rud a thogadh fonn, Tòrradh an tàilleir bhuidhe. Tòrradh an tàilleir chaoil, Chaochail an tàilleir bhuidhe, Tòrradh an tàilleir chaoil, Chaochail an tàilleir bhuidhe. Agus tionndadh eile a bh' air: O tha 'n tombaca daor O tha 'n tombaca [tiomainn?] O tha 'n tombaca daor Punnd air a h-uile ginidh. Ginidh air a h-uile punnd, Punnd air a h-uile ginidh, Ginidh air a h-uile punnd, Punnd air a h-uile ginidh.