GF152i21 O, NAM BU LEAM THU Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil [Joe Neil MacNeil:] O nam bu leam, nam bu leam, nam bu leam thu, O nam bu leam thu, cha tugainn air a' [lionn?] thu. Agus bha an uair sin tionndadh eile air an aona [chuinn?]. Seinn air an fhìdhill, air an fhìdhill, 's air a' phìob, Tha seinn fhìdhill, tha mo sheann Dòmhnall Donnchadh. Agus bha an uair sin: Chuirinn air a' phìob, air an fhìdhill, 's air a' phìob e, Chuirinn air an fhìdhill, tha mo sheann Dòmhnall Donnchadh. Agus bha tionndadh eile nach eil beachd agam ach robh e: Gun chuirinn air an fhìdhill, 's an fhìdhill, 's air a' phìob e, Cha chuirinn idir e air an druma. [John Shaw:] Sheadh.