GF148i09 MAIREARAD MHÓR IS LÙIREACH OIRRE Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Tar-Sgrìobhadh: Froilig Tha Mairearad Mhóir is lùireach oirre, Lùireach air muin lùireach oirre, Tha Mairearad Mhóir is lùireach oirre. Tha mi 'smaoineach gur e "Danns' an Cùl na Còmhladh'' a bh' ann. Gun d' shaoil leam fhìn nach b' fhiù leat e, Nach b' fhiù leat e, nach b' fhiù leat e, 'S gun shaoil leam fhìn nach b' fhiù leat e A bhith a' dannsa an cùl na còmhladh. Tha feadhainn ag ràidhinn—chanadh feadhainn "an cùl an tàillear," ach chan urrainn dhomhsa ag ràidhinn có tha ceart dhiubh.