GF148i06 THA GILLE MATH A-MUIGH AIGE Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil [Joe Neil MacNeil:] Còmhradh—seann-ghnàth-fhacal a bhiodh aca, cuideigin a bhiodh a' dol air cheann turais mar gum bitheadh, càit' a chaidh an duine, maighstir no duine no an t-athair no b' e a bh' ann, cha deach e air a cheann turais idir. 'S e cuideigin eile a dh'fhalbh bho 'n dachaigh. Mar bhean no nighean no gillean no gu b' e có bh' ann; agus air a chanadh 'ad nach do dh'fhalbh an duine seo gu b' ainm a bhiodh air, 's coingeis [cùis?] tha Dùghall no Seumas no Ruairidh no Calum a bhiodh ann—nuair a chanadh cuideigin nach [?] bu neònach nach deach esan ann, chanadh cuideigin eile 'ga 's tha freagairt: "O cha ruig esan leas a dhol ann. Tha gille math a-muigh aige." [John Shaw:] Seadh.