GF148i03 NA FITHICH: A' LEUGHADH SHANASAN Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil [Joe Neil MacNeil:] Chan eil mi 'toirt géill dhen ghnothach a bh' ann idir. Ach chuala mi, chuala mi té a' bruidhinn còmhla rium mu dhéidhinn té a bha 'dol dha na Stàitean Aonaichte air turas nuair bha i 'dol a dh'fhaighinn cosnadh ann is rinn an té seo gàire is "Chan eil," arsa ise, "Am bi i 'coimhead a-mach air uinneag a' charbad fiach a' faicinn a' fithich nam bhi e fitheach—a' fithich ann a' fradharc." 'S rinn cuideigin gàire ás a' sin nach robh, ma dh'fhaoidte gum bitheadh 's ma dh'fhaoidte nach bitheadh. "O," ars' ise, "Ma bhios i 'faicinn aon fhitheach cha bhitheadh i 'ga chunntais gu bhi i sealbhach co-dhiù. Ach ma chì i dhà, bhitheadh i deagh riaraichte gu leòr. [John Shaw:] Sheadh. [JNMN:] Agus nuair a tha thu 'beachdail air a' ghnothach a th' ann, chan eil thu 'creidsinn mar gum bitheadh ann mar chreidsinn no sìon ach tha rud seo a' tachairt ás aonais ann. Agus air a thàilleabh sin, chan urrainn duine àicheadh ma dh'fhaoidte— [JS:] Chan urrainn. [JNMN:] —ma dh'fhaoidte gura h-e giseagan no draoidhreachd a th' ann ach nuair nach eil duine a' cur—a' toirt creideas dha no sìon ach gu bheil e ri—gu bheil e 'tachairt agus ma tha duine 'gabhail beachd air rud 's gu bheil e 'tachairt bitheanta 's fheudar gu bheil rudeigin ma thimcheall. [JS:] 'S fheudar gu bheil. [JNMN:] Agus chan urrainn duine àicheadh nuair a tha rudan ann a' falbh air a-réir 's cha chreid mi gu bheil a chòir aig an duine fhéin ris co-dhiù. Sheadh. Sin mar a thàinig—sin mar a tha, mar a tha an droch-shùil 's mar a bheireadh 'ad 's gu [tùr rudan?] mar sin. Tha rudan a' tachairt agus chan eil mise 'n dùil gu bheil a bheag do chòir aig an duine idir ris, an duin' a tha air a coimheachadh air a shon. [JS:] Seadh. [JNMN:] Dh'fhaodadh an duine sin a bhi neo-chiontach gu leòr ach tha e 'g amas gu bheil e mì-shealbhach. [John Shaw:] Sheadh. [JNMN:] Agus [dha seo?] mì-shealbhach 's gun aireach aige fhéin air. Chan eil mi 'gràdhainn gur h-e a dhroch-dhùrachd [dha?] 'ga dhèanamh idir. [JS:] Seadh.